Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 42:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach thugaibh ur bràthair as òige am ionnsaigh-sa; mar sin dearbhar ur briathran, agus chan fhaigh sibh bàs. Agus rinn iad mar sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Mar seo dearbhar sibh; mar as beò Phàraoh, cha tèid sibh a‑mach à seo, mura tig ur bràthair as òige an seo.

Mas daoine fìrinneach sibh, fàgar aon de ur bràithrean ceangailte ann an taigh ur prìosain: agus imichibh-se, thugaibh leibh sìol airson gorta ur teaghlaichean:

Agus thog iad an sìol air an asail, agus dh’imich iad a sin.

Agus thubhairt an duine, uachdaran na tìre, rinn, Mar seo aithnichidh mi gur daoine fìrinneach sibh; fàgaibh aon de ur bràithrean maille riumsa, agus gabhaibh biadh airson gorta ur teaghlaichean, agus bithibh ag imeachd.

Agus thugaibh ur bràthair as òige am ionnsaigh-sa; an sin bidh fhios agam nach luchd-brathaidh sibh, ach gur daoine fìrinneach sibh: mar sin bheir mise ur bràthair dhuibh, agus nì sibh ceannachd anns an tìr.

Agus thàinig iad am fagas do fhear-riaghlaidh taigh Iòseiph, agus labhair iad ris aig doras an taighe,

Agus labhair Iùdah ris, ag ràdh, Thug an duine dearbh-chinnt dhuinn ag ràdh, Chan fhaic sibh mo ghnùis-sa mura bi ur bràthair maille ribh.

Ach mura cuir thu leinn e, cha tèid sinn sìos: oir thubhairt an duine rinn, Chan fhaic sibh mo ghnùis, mura bi ur bràthair maille ribh.

Agus thubhairt thu rid sheirbhisich, Thugaibh a‑nuas e am ionnsaigh-sa, a‑chum is gun socraich mi mo shùilean air.

Agus thubhairt thusa rid sheirbhisich, Mura tig ur bràthair as òige a‑nuas maille ribh, chan fhaic sibh m’aghaidh-sa nas mò.

Mar seo rinn Nòah; a rèir gach nì a dh’àithn Dia dha, mar sin rinn e.

Thubhairt a mhàthair ris an luchd-frithealaidh, Ge bè nì a their e ribh, dèanaibh e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan