Agus thubhairt e, Feuch, chuala mi gu bheil sìol anns an Eiphit; rachaibh sìos an sin, agus ceannaichibh dhuinn as a sin, a‑chum is gum bi sinn beò, agus nach faigh sinn bàs.
Agus thubhairt Iùdah ri Israel a athair, Cuir an t‑òganach maille riumsa, agus èiridh sinn, agus imichidh sinn, a‑chum is gum bi sinn beò agus nach faigh sinn bàs, araon sinne, agus thu fhèin, agus mar an ceudna ar clann bheag.
Dèanaibh cabhag, agus rachaibh suas a‑chum m’athar, agus abraibh ris, Mar seo thubhairt do mhac Iòseph, Rinn Dia mise am uachdaran air an Eiphit uile; thig a‑nuas am ionnsaigh, na dèan moille:
Anns na làithean sin bha Heseciah tinn gu bàs; agus thàinig Isaiah am fàidh, mac Amois, da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Cuir do thaigh an òrdagh; oir gheibh thu bàs, agus cha mhair thu beò.