Mas daoine fìrinneach sibh, fàgar aon de ur bràithrean ceangailte ann an taigh ur prìosain: agus imichibh-se, thugaibh leibh sìol airson gorta ur teaghlaichean:
Agus bha a’ ghorta air aghaidh na talmhainn uile: agus dh’fhosgail Iòseph na taighean-taisge uile, agus reic e ris na h‑Eiphitich: agus bhuadhaich a’ ghorta ann an tìr na h‑Eiphit.
Agus thubhairt an duine, uachdaran na tìre, rinn, Mar seo aithnichidh mi gur daoine fìrinneach sibh; fàgaibh aon de ur bràithrean maille riumsa, agus gabhaibh biadh airson gorta ur teaghlaichean, agus bithibh ag imeachd.
Agus chuir e a dh’ionnsaigh a athar mar seo; deich asail a’ giùlan de nithean matha na h‑Eiphit, agus deich asail bhoireann a’ giùlan sìl agus arain agus lòin dan athair airson na slighe.
Ach is sluagh seo a tha spùinnte agus creachte; tha iad uile air an glacadh ann an slocan, agus air an druideadh a‑steach ann am prìosanan; rinneadh iad nan cobhartach, agus chan eil neach gan tèarnadh; nan creich, agus chan eil neach a their, Thoir air ais.
A dh’fhosgladh nan sùilean dall; a thabhairt nam prìosanach a‑mach as a’ phrìosan, agus na muinntir a tha nan suidhe ann an dorchadas à taigh na daorsa.
Agus bha corraich air na h‑uachdarain ri Ieremiah, agus bhuail iad e, agus chuir iad ann am prìosan e, ann an taigh Ionatain an sgrìobhaiche; oir rinn iad prìosan dheth sin.