Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 42:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt iad, Is dà‑bhràthair-dheug do sheirbhisich, mic aon duine ann an tìr Chanàain; agus, feuch, tha am fear as òige an‑diugh maille ri ar n‑athair, agus tha aon nach maireann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus thill e a dh’ionnsaigh a bhràithrean, agus thubhairt e, Chan eil an leanabh ann, agus, mise, càit an tèid mi?

Is mic aon duine sinne uile, is daoine fìrinneach sinn; cha luchd-brathaidh do sheirbhisich.

Agus thubhairt esan riu, Chan eadh, ach is ann a dh’fhaicinn lomnochdas na tìre a thàinig sibh.

Agus thubhairt Iòseph riu, Seo an nì a thubhairt mi ribh, ag ràdh, Is luchd-brathaidh sibh:

Is dà‑bhràthair-dheug sinn, mic ar n‑athar; tha aon mhac nach maireann, agus tha am mac as òige an‑diugh maille ri ar n‑athair ann an tìr Chanàain.

Agus thubhairt Iàcob an athair riu, Thug sibh uamsa mo chlann: Iòseph cha mhaireann, agus Simeon cha mhaireann, agus Beniàmin bheir sibh air falbh: am aghaidh-sa tha na nithean sin uile.

Agus thubhairt e, Cha tèid mo mhac sìos maille ribh; oir tha a bhràthair marbh, agus dh’fhàgadh esan na aonar: ma thachras olc dha anns an t‑slighe air an tèid sibh, an sin bheir sibh sìos m’fhalt liath le bròn don uaigh.

Agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e Beniàmin a bhràthair, mac a mhàthar, agus thubhairt e, An e seo ur bràthair as òige, mun do labhair sibh rium? Agus thubhairt e, Gu robh Dia gràsmhor dhut, a mhic.

Agus thubhairt iad, Dh’fhiosraich an duine dhinn gu teann mar timcheall fhèin, agus mu thimcheall ar càirdean, ag ràdh, A bheil ur n‑athair fhathast beò? A bheil bràthair eile agaibh? Agus dh’innis sinne dha a rèir brìgh nam briathar sin: am b’urrainn sinne fhios a bhith againn gu cinnteach gun abradh e, Thugaibh ur bràthair a‑nuas?

Agus thubhairt sinne rim thighearna, Tha athair againn, seann duine, agus leanabh a sheann aoise, maothran: agus tha a bhràthair marbh, agus dh’fhàgadh esan na aonar de chloinn a mhàthar, agus tha gràdh aig a athair air.

Agus chaidh aon dhiubh a‑mach uam, agus thubhairt mi, Gu cinnteach reubadh na bhloighdean e; agus chan fhaca mi o sin e:

Agus dh’innis iad dha, ag ràdh, Tha Iòseph fhathast beò, agus tha e na uachdaran air tìr na h‑Eiphit uile. Agus dh’fhannaich cridhe Iàcoib, oir cha do chreid e iad.

Mar seo deir an Tighearna, Chualas guth ann an Ramah, caoidh, gul ro‑ghoirt; Rachel a’ gul airson a cloinne; dhiùlt i comhfhurtachd airson a cloinne, a chionn nach eil iad ann.

Pheacaich ar n‑athraichean, agus chan eil iad ann, agus ghiùlain sinne an euceartan.

An sin nuair a chunnaic Herod gun do rinn na draoidhean fanaid air, las e le feirg ro‑mhòir, agus chuir e luchd-millidh uaithe agus mharbh e na bha de leanaban-mac ann am Betlehem, agus anns na crìochan uile, o aois dhà bhliadhna agus fodha, a rèir na h‑aimsir a dh’fhòghlaim e gu dìcheallach o na draoidhean.

Chualas guth ann an Rama, caoidh, agus gul, agus bròn ro‑mhòr, Rachel a’ caoineadh a cloinne, agus cha b’àill leatha sòlas a ghabhail, a chionn nach eil iad beò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan