Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 42:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt iad ris, Chan eadh, mo thighearna, ach is ann a thàinig do sheirbhisich a cheannach bìdh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Dèanadh slòigh seirbhis dhut, agus strìochdadh cinnich dhut; bi ad uachdaran air do bhràithrean, agus cromadh mic do mhàthar sìos dhut: mallaichte gu robh gach neach a mhallaicheas thu, agus beannaichte gu robh gach neach a bheannaicheas thu.

Agus fhreagair Isaac, agus thubhairt e ri Esau, Feuch, rinn mi e na uachdaran ort, agus a bhràithrean uile thug mi dha mar sheirbhisich; agus le arbhar agus le fìon chùm mi suas e: agus dhutsa ciod a‑nis a nì mi, a mhic?

Agus thubhairt a bhràithrean ris, Am bi thusa gun amharas ad rìgh oirnne? Am bi agad da‑rìribh tighearnas oirnne? Agus dh’fhuathaich iad e fhathast nas mò airson a aislingean, agus airson a bhriathran.

Is mic aon duine sinne uile, is daoine fìrinneach sinn; cha luchd-brathaidh do sheirbhisich.

Ge bè air bith ded sheirbhisich aig am faighear e, cuirear gu bàs esan, agus bidh sinne mar an ceudna nar tràillean aig mo thighearna.

Agus nuair a bha Obadiah anns an t‑slighe, feuch, thachair Eliah air: agus dh’aithnich e e, agus thuit e air a aghaidh, agus thubhairt e, An tusa a tha an seo, mo thighearna, Eliah?

Agus dh’aithnich Saul guth Dhaibhidh, agus thubhairt e, An e seo do ghuth-sa, a mhic, a Dhaibhidh? Agus thubhairt Daibhidh, Is e mo ghuth-sa a tha ann, mo thighearna, a rìgh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan