Agus thòisich seachd bliadhna na gorta ri teachd, mar a thubhairt Iòseph; agus bha a’ ghorta anns na dùthchannan uile: ach ann an uile thìr na h‑Eiphit bha aran.
Agus thubhairt e, Feuch, chuala mi gu bheil sìol anns an Eiphit; rachaibh sìos an sin, agus ceannaichibh dhuinn as a sin, a‑chum is gum bi sinn beò, agus nach faigh sinn bàs.
Agus bha eagal air, agus dh’èirich e, agus dh’fhalbh e air sgàth a anama, agus thàinig e gu Beer-sèba a bhuineas do Iùdah, agus dh’fhàg e a òglach an sin.
Agus mhothaich an sluagh uile na tàirneanaich, agus na dealanaich, agus fuaim na trompaid, agus an sliabh fo dheataich: agus nuair a chunnaic an sluagh sin, ghluais iad, agus sheas iad fada o làimh.
Agus chunnaic luchd-riaghlaidh chloinn Israeil gum bu chruaidh an càs anns an robh iad, agus e air a ràdh riu, Cha bheagaich sibh dad de ur clachan-creadha, den obair dhligheach làitheil.
Carson a tha sinn a’ suidhe nar tàmh? Cruinnichibh sibh fhèin agus rachamaid a‑steach do na cathraichean daingnichte; agus bitheamaid nar tosd an sin; oir chuir an Tighearna ar Dia nar tosd sinn, agus thug e dhuinn uisge domblais ra òl, a chionn gun do pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna.
Nuair a chunnaic Ephraim a thinneas, agus Iùdah a chreuchd, an sin chaidh Ephraim a‑chum an Asirianaich, agus chuir e fios gu rìgh Iareb: gidheadh cha b’urrainn e ur leigheas, cha mhò a shlànaich e ur creuchd.
Ach air an làimh eile, nuair a chunnaic iad gun d’earbadh soisgeul an neo-thimcheall-ghearraidh riumsa, mar a dh’earbadh soisgeul an timcheall-ghearraidh ri Peadar;