Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 41:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus shluig na seachd diasan caola suas na seachd diasan reachdmhor agus làn: agus dhùisg Phàraoh, agus, feuch, b’aisling a bha ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig Dia gu Abimelech ann an aisling anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Feuch, is duine marbh thu airson na mnà a ghabh thu; oir is bean duine eile i.

Agus chunnaic Iòseph aisling, agus dh’innis e da bhràithrean i, agus dh’fhuathaich iad e fhathast nas mò.

Agus, feuch, dh’fhàs suas nan dèidh seachd diasan caola, agus air an seargadh leis a’ ghaoith an ear.

Agus anns a’ mhadainn bha a spiorad air a bhuaireadh; agus chuir e fios uaithe, agus ghairm e uile dhraoidhean na h‑Eiphit, agus a daoine glice uile: agus dh’innis Phàraoh a aislingean dhaibh; ach cha robh neach ann a dh’eadar-mhìnicheadh iad do Phàraoh.

Agus mhosgail Solamh, agus, feuch, b’aisling a bha ann agus thàinig e gu Ierusalem, agus sheas e am fianais àirc coicheangal an Tighearna, agus thug e suas ìobairtean-loisgte, agus dh’ìobair e ìobairtean-sìth, agus rinn e cuirm da sheirbhisich uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan