Seadh, feuch, an dèidh a suidheachadh, am bi piseach oirre? Nach searg i gu tur nuair a bheanas a’ ghaoth an ear rithe? Crìonaidh i anns na claisean anns an d’fhàs i.
Ach spìonadh a‑nìos i ann an corraich, thilgeadh i sìos gu làr, agus thiormaich a’ ghaoth an ear suas a meas: bhriseadh agus sheargadh a slatan làidir, loisg an teine iad.
Tha Ephraim ag ionaltradh air gaoith, agus ag imeachd an dèidh na gaoithe an ear: gach aon là tha e a’ cur bhreug agus reubainn an lìonmhorachd; rinn iad fòs coicheangal ri Asiria, agus tha ola ga giùlan don Eiphit.
Ged a bha e torrach am measg a bhràithrean, thig gaoth an ear, thig gaoth an Tighearna a‑nìos on fhàsach, agus fàsaidh a fhuaran tioram, agus tiormaichear suas a thobar: bidh ionmhas nan uile shoithichean taitneach air a chreachadh.
Agus thàrladh, nuair a dh’èirich a’ ghrian, gun do dheasaich Dia gaoth theth on ear; agus bhuail a’ ghrian air ceann Ionah, ionnas gun d’fhannaich e, agus ghuidh e ann fhèin bàs fhaotainn, agus thubhairt e, Is fheàrr dhomh a bhith marbh na beò.