Agus thòisich seachd bliadhna na gorta ri teachd, mar a thubhairt Iòseph; agus bha a’ ghorta anns na dùthchannan uile: ach ann an uile thìr na h‑Eiphit bha aran.
Agus bha a’ ghorta air aghaidh na talmhainn uile: agus dh’fhosgail Iòseph na taighean-taisge uile, agus reic e ris na h‑Eiphitich: agus bhuadhaich a’ ghorta ann an tìr na h‑Eiphit.
Agus bha Iòseph na uachdaran air an tìr: b’esan a bha a’ reic ri sluagh na tìre uile. Agus thàinig bràithrean Iòseiph, agus chrom iad iad fhèin sìos dha, len aghaidh gu làr.
Agus chruinnich Iòseph an t‑airgead uile a fhuaireadh ann an tìr na h‑Eiphit agus ann an tìr Chanàain, airson a’ bhìdh a cheannaich iad: agus thug Iòseph an t‑airgead do thaigh Phàraoh.
Air eagal gun abair am fearann as an tug thu a‑mach sinn, A chionn nach b’urrainn an Tighearna an toirt a‑steach don fhearann a gheall e dhaibh agus a chionn gu robh fuath aige dhaibh, thug e a‑mach iad gu am marbhadh anns an fhàsach.