Agus bha a’ ghorta air aghaidh na talmhainn uile: agus dh’fhosgail Iòseph na taighean-taisge uile, agus reic e ris na h‑Eiphitich: agus bhuadhaich a’ ghorta ann an tìr na h‑Eiphit.
Agus cruinnicheadh iad uile bhiadh nam bliadhnachan matha sin ri teachd, agus taisgeadh iad suas arbhar fo làimh Phàraoh, agus gleidheadh iad biadh anns na bailtean.
Agus nuair a bha tìr na h‑Eiphit uile ann an uireasbhaidh, an sin ghlaodh an sluagh ri Phàraoh airson arain: agus thubhairt Phàraoh ris na h‑Eiphitich uile. Ruigibh Iòseph; an nì sin a their e ribh, dèanaibh.
Agus bha Iòseph na uachdaran air an tìr: b’esan a bha a’ reic ri sluagh na tìre uile. Agus thàinig bràithrean Iòseiph, agus chrom iad iad fhèin sìos dha, len aghaidh gu làr.
Agus an ceann deich agus trì-fichead bliadhna, thig an Tighearna a dh’amharc Thìruis; agus tillidh i a‑chum a cosnaidh; agus nì i strìopachas le uile rìoghachdan an domhain, a tha air aghaidh na talmhainn.
An sin thubhairt e rium, Is e seo am mallachd a tha a’ dol a‑mach air aghaidh an fhearainn uile: agus gearrar as gach aon a ghoideas, mar air an taobh seo dheth: agus gearrar as gach aon a mhionnaicheas, mar air an taobh sin dheth.
Agus rinn e a dh’aon fhuil uile chinnich dhaoine, a‑chum iad a ghabhail còmhnaidh air aghaidh na talmhainn uile, agus shònraich e na h‑àmannan ro‑òrdaichte, agus crìochan an àite-còmhnaidh;