Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 41:54

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thòisich seachd bliadhna na gorta ri teachd, mar a thubhairt Iòseph; agus bha a’ ghorta anns na dùthchannan uile: ach ann an uile thìr na h‑Eiphit bha aran.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus na seachd bà caola agus grànda a thàinig a‑nìos nan dèidh, is seachd bliadhna iad; agus na seachd diasan fàs, seargte leis a’ ghaoith an ear, bidh iad nan seachd bliadhna gorta.

Agus èiridh seachd bliadhna gorta suas nan dèidh, agus dìochuimhnichear am pailteas uile ann an tìr na h‑Eiphit; agus claoidhidh a’ ghorta an tìr;

Agus chrìochnaicheadh seachd bliadhna a’ phailteis a bha ann an tìr na h‑Eiphit.

Agus thubhairt e, Feuch, chuala mi gu bheil sìol anns an Eiphit; rachaibh sìos an sin, agus ceannaichibh dhuinn as a sin, a‑chum is gum bi sinn beò, agus nach faigh sinn bàs.

Agus bha a’ ghorta ro‑mhòr anns an tìr.

Agus beathaichidh mise thu an sin (oir fhathast bidh còig bliadhna gorta ann), air eagal gun tig thu fhèin agus do theaghlach, agus gach nì a tha agad, gu bochdainn.

Agus cha robh aran anns an tìr uile; oir bha a’ ghorta ro‑mhòr, air chor is gu robh tìr na h‑Eiphit agus tìr Chanàain uile fann leis a’ ghorta.

An sin labhair Elisa ris a’ mhnaoi, don d’ath-bheothaich e a mac, ag ràdh, Eirich, agus imich thusa agus do theaghlach, agus falbh air chuairt ge bè àit am faod thu a bhith air chuairt: oir ghairm an Tighearna air gorta, agus mar an ceudna thig i air an tìr rè seachd bliadhna.

Agus ghairm e gorta air an tìr; bhris e uile lorg an arain.

A‑nis thàinig gorta agus àmhghar mòr air an Eiphit uile, agus air talamh Chanàain; agus cha d’fhuair ar n‑athraichean teachd-an‑tìr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan