Agus chunnaic iad aisling le chèile, gach fear aca a aisling fhèin anns an aon oidhche, gach fear a rèir eadar-mhìneachadh a aislinge; buidealair agus fuineadair rìgh na h‑Eiphit, a bha ceangailte anns a’ phrìosan.
Im cruidh, agus bainne chaorach, maille ri saill uan agus reitheachan de shìol Bhasain, agus ghobhar, maille ri reamhrachd àirnean a’ chruithneachd; agus dh’òl thu fuil fhìorghlan nam fìondhearc.