Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 41:49

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir Iòseph ri chèile sìol mar ghaineamh na fairge, ro‑mhòran, gus an do sguir e de a àireamh: oir bha e gun àireamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Gum beannaich mi thu gu mòr, agus gun dèan mi do shliochd ro‑lìonmhor eadhon mar reultan nèimh, agus mar a’ ghaineamh, a tha air tràigh na fairge: agus sealbhaichidh do shliochd geata an naimhdean;

Agus chruinnich e ri chèile uile bhiadh nan seachd bliadhna, a bha ann an tìr na h‑Eiphit; agus thaisg e suas biadh anns na bailtean: biadh fearann gach baile, a bha mun cuairt air, thaisg e suas ann.

Agus do Iòseph rugadh dithis mhac mun tàinig bliadhnachan na gorta, a rug Asenat dha, nighean Photipherah, sagart Oin.

Agus b’i a mhaoin seachd mìle caora, agus trì mìle càmhal, agus còig ceud cuing dhamh, agus còig ceud asal bhoireann, agus teaghlach ro‑mhòr: agus bha an duine sin mòr os cionn uile dhaoine na h‑àird an ear.

Agus fhras e a‑nuas feòil orra mar dhuslach, agus eunlaith iteagach mar ghaineamh na fairge.

Mar nach faod feachd nèimh a bhith air àireamh, no gaineamh na fairge a bhith air a tomhas: is amhlaidh a nì mise lìonmhor sliochd Dhaibhidh m’òglach, agus na Lèbhithich a tha a’ frithealadh dhomh.

Oir thàinig iad a‑nìos len sprèidh, agus lem bùthan, agus thàinig iad mar na lòcaist air lìonmhorachd; oir bha an dà chuid iad fhèin agus an càmhail gun àireamh: agus chaidh iad a‑steach don tìr a‑chum a milleadh.

Agus bha na Midianaich, agus na h‑Amalecich, agus clann na h‑àird an ear uile nan laighe anns a’ ghleann mar na lòcaist air lìonmhorachd; agus bha an càmhail gun àireamh, mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge air lìonmhorachd.

Agus chruinnicheadh na Philistich an ceann a chèile gu cogadh ri Israel, deich-mìle-fichead carbad, agus sia mìle marcaiche, agus sluagh mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd: agus thàinig iad a‑nìos, agus champaich iad ann am Michmas, a làimh na h‑àird an ear o Bhet-abhen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan