Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 41:37

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha a’ chomhairle math ann an sùilean Phàraoh, agus ann an sùilean a sheirbhiseach uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus bidh am biadh sin na thaisgeach don tìr, fa chomhair nan seachd bliadhna gorta a bhios ann an tìr na h‑Eiphit; a‑chum is nach tèid as don tìr leis a’ ghorta.

Agus thubhairt Phàraoh ra sheirbhisich, A bheil e an comas dhuinn a leithid seo de dhuine fhaotainn, anns a bheil spiorad Dhè?

Agus chualas iomradh seo ann an taigh Phàraoh, ag ràdh, Tha bràithrean Iòseiph air teachd: agus thaitinn e gu math ri Phàraoh agus ra sheirbhisich.

Agus thug an sluagh uile fa‑near e, agus bha e taitneach nan sùilean, mar a bha gach nì a rinn an rìgh taitneach ann an sùilean an t‑sluaigh uile:

Agus labhair Ahab ri Nàbot, ag ràdh, Thoir dhòmhsa d’fhìonlios, gu bhith agam na lios luibhean, a chionn gu bheil e fagas dom thaigh, agus bheir mise dhutsa air a shon fìonlios as fheàrr na e; no mas e as taitniche leat, bheir mi dhut a luach ann an airgead.

Gu ruig an t‑àm anns an tàinig a bhriathar; dhearbh facal an Tighearna e.

Mar airgead taghte tha teanga an fhìrein; ach tha cridhe nan aingidh mar nì nach fiù.

Mar ùbhlan òir ann an dealbhan airgid, tha facal a labhrar gu h‑iomchaidh.

Agus shaor e e as a thriobhlaidean uile, agus thug e deagh-ghean agus gliocas dha an làthair Phàraoh rìgh na h‑Eiphit; agus chuir e e na uachdaran air an Eiphit, agus air a theaghlach fhèin uile.

Agus nuair a chuala Phinehas an sagart, agus ceannardan a’ cho-chruinneachaidh, agus cinn mìltean Israeil a bha maille ris, na briathran a labhair clann Reubein, agus clann Ghad, agus clann Mhanaseh, thaitinn e riu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan