Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 41:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dèanadh Phàraoh seo, agus òrdaicheadh e luchd-riaghlaidh os cionn na tìre, agus togadh iad an còigeamh cuid de thoradh tìr na h‑Eiphit anns na seachd bliadhna pailteis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

A‑nis uime sin, amhairceadh Phàraoh a‑mach airson duine a tha tuigseach agus glic, agus cuireadh e os cionn tìr na h‑Eiphit e.

Agus cruinnicheadh iad uile bhiadh nam bliadhnachan matha sin ri teachd, agus taisgeadh iad suas arbhar fo làimh Phàraoh, agus gleidheadh iad biadh anns na bailtean.

Agus tàrlaidh, de na chinneas gun toir sibh an còigeamh cuid do Phàraoh, agus bidh agaibh fhèin ceithir earrannan, airson sìol an fhearainn, agus airson ur bìdh, agus airson muinntir ur teaghlaichean, agus airson bìdh dur cloinn bhig.

Agus rinn Iòseph sin na lagh gus an là‑an‑diugh air feadh fearann na h‑Eiphit, gum biodh aig Phàraoh an còigeamh cuid, saor a‑mhàin o fhearann nan sagart, nach bu le Phàraoh.

Agus rinn na daoine an obair gu fìrinneach: agus b’iad an luchd-amhairc thairis orra Iahat agus Obadiah, na Lèbhithich, de mhic Mherari; agus Sechariah agus Mesulam, de mhic nan Cohatach, a chur na h‑obrach air a h‑aghaidh; mar an ceudna de na Lèbhithich gach neach a bha eòlach air innealan-ciùil.

Agus Ioel mac Shichri na fhear-amhairc thairis orra; agus Iùdah mac Shenuah an dara fear os cionn a’ bhaile.

Ann an gorta tèarnaidh e thu on bhàs; agus ann an cogadh, o chumhachd a’ chlaidheimh.

A‑chum an anam a theasairginn on bhàs, agus an cumail beò anns a’ ghorta.

Chì an duine crìonna olc, agus falaichidh e e fhèin; ach gabhaidh na daoine baoghalta air an aghaidh, agus fuilingidh iad peanas.

Chì an duine crìonna olc, agus falaichidh e e fhèin; ach gabhaidh na daoine baoghalta air an aghaidh, agus fuilingidh iad peanas.

Agus bha corraich air Maois ri luchd-riaghlaidh an t‑sluaigh, ris na ceannardan air mhìltean agus na ceannardan air cheudan, a thàinig on chogadh.

Agus air dha gach aon dhiubhsan air an robh fiachan aig a thighearna a ghairm da ionnsaigh, thubhairt e ris a’ chiad fhear, Cia mheud a tha aig mo thighearna ortsa?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan