Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 41:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a‑thaobh gun do dhùblaicheadh an aisling do Phàraoh dà uair, tha sin a chionn gu bheil an nì air a shuidheachadh le Dia; agus bheir Dia ann an aithghearradh gu crìch e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Oir, feuch, bha sinn a’ ceangal sguab anns an achadh, agus, feuch, dh’èirich mo sguab-sa suas, agus sheas i gu dìreach; agus, feuch, sheas ur sguaban-se mun cuairt oirre, agus rinn iad ùmhlachd dom sguaib-sa.

Agus chunnaic e fhathast aisling eile, agus dh’innis e da bhràithrean i, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi aisling eile; agus, feuch, rinn a’ ghrian agus a’ ghealach, agus an aon-reul-deug, ùmhlachd dhomh.

Agus thubhairt Iòseph ri Phàraoh, Aisling Phàraoh, is aon i: an nì sin a tha Dia gus a dhèanamh, dh’fhoillsich e do Phàraoh.

Seo an nì a thubhairt mi ri Phàraoh: An nì a tha Dia gus a dhèanamh, nochd e do Phàraoh.

Agus chan aithnichear am pailteas anns an tìr, airson na gorta a leanas, oir bidh i ro‑throm.

Oir dh’ullaicheadh Tophet o shean; eadhon airson an rìgh tha sin air ullachadh; rinn e domhain e, rinn e farsaing e; cruach theine agus mòran connaidh; tha anail an Tighearna, mar shruth pronnaisg, ga fhadadh.

Anns a’ mheud is gum faca tu gu robh a’ chlach air a gearradh a‑mach as an t‑sliabh as eugmhais làmhan, agus gun do bhris i nam bloighdean an t‑iarann, an t‑umha, a’ chriadh, an t‑airgead agus an t‑òr; thug an Dia mòr fios don rìgh ciod a thig gu crìch na dhèidh seo, agus tha am bruadar cinnteach, agus a bhrìgh dearbhte.

Cha duine Dia, gun dèanadh e breug; no mac duine, gun gabhadh e aithreachas: an dubhairt e, agus nach dèan e? Agus an do labhair e agus nach coilean e e?

Thèid nèamh agus talamh thairis, ach cha tèid mo bhriathran-sa thairis a‑chaoidh.

An sin their an Rìgh riùsan air a dheis, Thigibh, a dhaoine beannaichte m’Athar-sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a tha air a deasachadh dhuibh o leagadh bunaitean an domhain:

An sin their e mar an ceudna riùsan air an làimh chlì, Imichibh uam, a shluaigh mhallaichte, a dh’ionnsaigh an teine shìorraidh, a dh’ullaicheadh don diabhal agus da ainglean:

Ach suidhe air mo làimh dheis, agus air mo làimh chlì, cha leamsa sin ra thabhairt, ach dhaibhsan don d’ullaicheadh e.

Ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chan fhaca sùil, agus cha chuala cluas, agus cha tàinig ann an cridhe duine, na nithean a dh’ullaich Dia dhaibhsan aig a bheil gràdh dha.

Is i seo an treas uair a tha mi a’ teachd dur n‑ionnsaigh: ann am beul dithis no triùir fhianaisean bidh gach facal seasmhach.

Agus dh’fhuasgladh na ceithir aingil a bha ullaichte fa chomhair uaire, agus là, agus mìosa, agus bliadhna, a‑chum gum marbhadh iad an treas cuid de dhaoine.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan