Genesis 41:30Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus èiridh seachd bliadhna gorta suas nan dèidh, agus dìochuimhnichear am pailteas uile ann an tìr na h‑Eiphit; agus claoidhidh a’ ghorta an tìr; Faic an caibideil |
Agus thàinig Gad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus dh’innis e dha, agus thubhairt e ris, An tig trì bliadhna gorta ort ann ad thìr? No an teich thu trì mìosan rod naimhdean, agus iad an tòir ort? No am bi trì làithean plàigh ann ad thìr? A‑nis smaoinich, agus faic ciod a fhreagras mi dhàsan a chuir uaithe mi.