Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 41:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus na seachd bà caola agus grànda a thàinig a‑nìos nan dèidh, is seachd bliadhna iad; agus na seachd diasan fàs, seargte leis a’ ghaoith an ear, bidh iad nan seachd bliadhna gorta.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Na seachd bà matha, is seachd bliadhna iad; agus na seachd diasan matha, is seachd bliadhna iad: is aon an aisling.

Agus, feuch, thàinig seachd bà eile a‑nìos nan dèidh as an abhainn, grànda rim faicinn, agus caol nam feòil: agus sheas iad làimh ris na bà eile, air bruaich na h‑aibhne.

Agus chaidh Daibhidh suas, a rèir facal Ghad, mar a dh’àithn an Tighearna.

An sin labhair Elisa ris a’ mhnaoi, don d’ath-bheothaich e a mac, ag ràdh, Eirich, agus imich thusa agus do theaghlach, agus falbh air chuairt ge bè àit am faod thu a bhith air chuairt: oir ghairm an Tighearna air gorta, agus mar an ceudna thig i air an tìr rè seachd bliadhna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan