Agus shluig na diasan caola suas na seachd diasan matha: agus dh’innis mi seo do na draoidhean; ach cha robh neach ann a b’urrainn a’ chùis fhoillseachadh dhomh.
Uime sin bha an luchd-àiteachaidh air bheag neirt: bha crith-eagail orra agus amhluadh; bha iad mar fheur na machrach, agus mar an luibh ghlais, mar fheur-mullaich nan taighean, agus mar arbhar seargte mum fàs e suas.
Ged a bha e torrach am measg a bhràithrean, thig gaoth an ear, thig gaoth an Tighearna a‑nìos on fhàsach, agus fàsaidh a fhuaran tioram, agus tiormaichear suas a thobar: bidh ionmhas nan uile shoithichean taitneach air a chreachadh.
Oir chuir iad a’ ghaoth, agus buainidh iad a’ chuairt-ghaoth: chan eil toradh air an dèis; cha toir i uaipe min; no, ma bheir, sluigidh coigrich suas i.
Tha Ephraim buailte; thiormaicheadh suas am freumh; cha ghiùlain iad a’ bheag de thoradh: seadh, ged bheireadh iad, gidheadh marbhaidh mise toradh gràdhach am bronn.