Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 41:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a dh’ith iad suas iad chan aithnichte orra gun d’ith iad iad; ach bha iad grànda rim faicinn, mar an toiseach. An sin dhùisg mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus dh’ith na bà caola agus grànda suas na ciad seachd bà reamhar:

Agus chunnaic mi am aisling; agus, feuch, thàinig a‑nìos seachd diasan air aon choinnlein, làn agus math:

Agus, feuch, thàinig seachd bà eile a‑nìos nan dèidh as an abhainn, grànda rim faicinn, agus caol nam feòil: agus sheas iad làimh ris na bà eile, air bruaich na h‑aibhne.

Cha chuirear gu nàire iad ann an àm an uilc, agus ann an làithean na gorta sàsaichear iad.

Agus bheir e teum air an làimh dheis, agus gidheadh bidh e acrach; agus ithidh e suas air an làimh chlì, agus cha bhi iad sàsaichte; ithidh gach duine feòil a ghàirdein fhèin.

Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, thoir air do bhroinn ithe, agus lìon do chom leis an ròla seo a bheir mi dhut. An sin dh’ith mi, agus bha e ann am bheul mar mhil air mhìlsead.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan