Agus, feuch, thàinig seachd bà eile a‑nìos nan dèidh as an abhainn, grànda rim faicinn, agus caol nam feòil: agus sheas iad làimh ris na bà eile, air bruaich na h‑aibhne.
Agus tionndaidhidh iad na h‑aibhnichean fad a lethtaobh, agus bidh na sruthan-dìonaidh air an dèanamh falamh agus tioram; seargaidh a’ chuilc agus an luachair.
Na luibhean ùrar ri taobh nan sruth, aig beul nan sruth, agus gach nì a chuireadh an cois nan sruth, seargaidh, sguabar air falbh, agus cha bhi e ann nas mò.