Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 41:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus, feuch, thàinig a‑nìos as an abhainn seachd bà, reamhar am feòil, agus sgiamhach ann an cruth; agus bha iad ag ionaltradh ann am mìn-fheur;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Ann am aisling, feuch, sheas mi air bruaich na h‑aibhne:

Agus, feuch, thàinig seachd bà eile a‑nìos nan dèidh, bochd agus ro‑ghrànda, agus caol ann am feòil: chan fhaca mi an samhail riamh ann an uile thìr na h‑Eiphit air olcas:

Agus, feuch, thàinig a‑nìos as an abhainn seachd bà, sgiamhach rim faicinn, agus reamhar ann am feòil; agus bha iad ag ionaltradh ann am mìn-fheur,

Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, Amhail na fìgean matha seo, mar sin gabhaidh mise ris na dh’fhalbh ann am bruid de Iùdah, a chuir mi a‑mach as an àite seo gu tìr nan Caldèanach, a‑chum an leas.

Agus amhail na droch fhìgean, nach faodar ithe aig an olcas (mar seo gu deimhinn deir an Tighearna), mar sin bheir mi thairis Sedeciah rìgh Iùdah, agus a uachdarain, agus am fuidheall de Ierusalem, a dh’fhanas anns an tìr seo, agus iadsan a tha a chòmhnaidh ann am fearann na h‑Eiphit:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan