Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 41:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Iòseph Phàraoh, ag ràdh, Chan eil e annamsa: bheir Dia freagradh sìthe do Phàraoh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e ris, Imich, guidheam ort, faic a bheil do bhràithrean gu math, agus a bheil an treud gu math; agus thoir fios am ionnsaigh a‑rìs. Mar sin chuir e a‑mach e à gleann Hebroin, agus thàinig e gu Sechem.

Agus thubhairt iad ris, Chunnaic sinn aisling, agus chan eil neach againn a dh’eadar-mhìnicheas i. Agus thubhairt Iòseph riu, Nach ann o Dhia a tha gach eadar-mhìneachadh? Innsibh dhòmhsa iad, guidheam oirbh.

Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Ann am aisling, feuch, sheas mi air bruaich na h‑aibhne:

Agus thubhairt Iòseph ri Phàraoh, Aisling Phàraoh, is aon i: an nì sin a tha Dia gus a dhèanamh, dh’fhoillsich e do Phàraoh.

Seo an nì a thubhairt mi ri Phàraoh: An nì a tha Dia gus a dhèanamh, nochd e do Phàraoh.

Agus thubhairt esan, Mura dèan an Tighearna cobhair ort, cionnas a nì mise cobhair ort? An ann à ùrlar an t‑sabhail, no as an fhìon-amar?

Fhreagair an rìgh Daniel, agus thubhairt e, Gu fìrinneach is e ur Dia-se Dia nan diathan, agus Tighearna nan rìghrean, agus fear-foillseachaidh nithean diamhair, air dhutsa a bhith comasach an diamhaireachd seo fhoillseachadh.

Chunnacas ceart dhòmhsa gun cuirinn an cèill na comharraidhean agus na mìorbhailean a dh’obraich an t‑àrd Dhia dom thaobh.

An sin fhreagair e agus labhair e rium, ag ràdh, Is e seo facal an Tighearna ri Serubabel, ag ràdh, Chan ann le neart, no le cumhachd, ach lem spiorad-sa, deir Tighearna nan sluagh.

Agus thubhairt e, Eisdibh a‑nis rim bhriathran-sa: Ma tha fàidh nur measg, nì mise an Tighearna mi fhèin aithnichte dha ann an taisbeanadh, agus labhraidh mi ris ann am bruadar.

Ag ràdh, Nam b’aithne dhut, eadhon dhutsa, air bheag sam bith ann ad là seo fhèin, na nithean a bhuineas dod shìth: ach a‑nis tha iad falaichte od shùilean.

Agus nuair a chunnaic Peadar seo, fhreagair e an sluagh, Fheara Israeil, carson a tha sibh a’ geur-amharc oirnne, mar gum b’ann le ar cumhachd no ar naomhachd fhèin a thug sinn air an duine seo imeachd?

Agus air dha breith air a làimh dheis, thog e suas e; agus air ball neartaicheadh a aobrain agus a throighean.

Ach tre ghràs Dhè is mi an nì as mi: agus cha robh a ghràs, a bhuilicheadh orm, gun bhrìgh; ach shaothraich mi nas pailte na iad uile; gidheadh cha mhise, ach gràs Dhè a bha maille rium.

Chan e gu bheil sinn foghainteach uainn fhèin a‑chum nì sam bith a smaoineachadh mar uainn fhèin: ach is ann o Dhia a tha ar foghainteachd;

Buinidh na nithean diamhair don Tighearna ar Dia, ach na nithean a tha foillsichte dhuinne agus dar cloinn a‑chaoidh, a‑chum is gun dèan sinn uile bhriathran an lagha seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan