Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 41:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha an sin maille rinn òganach Eabhraidheach, seirbhiseach do cheannard an fhreiceadain; agus dh’innis sinn dha, agus dh’eadar-mhìnich e dhuinn ar n‑aislingean: do gach fear againn a rèir a aislinge dh’eadar-mhìnich e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus reic na Midianaich e anns an Eiphit ri Potiphar, oifigeach le Phàraoh, ceannard an fhreiceadain.

Agus thugadh Iòseph sìos don Eiphit; agus cheannaich Potiphar, oifigeach le Phàraoh, ceannard an fhreiceadain, Eiphiteach, e o làimh nan Ismaeleach, a thug sìos an sin e.

Agus ghabh maighistir Iòseiph e, agus chuir e anns a’ phrìosan e, far an robh prìosanaich an rìgh ceangailte: agus bha e an sin anns a’ phrìosan.

A‑thaobh nan ceathrar chloinne seo, thug Dia dhaibh eòlas agus tuigse anns a h‑uile fòghlam agus gliocas: agus bha tuigse aig Daniel anns na h‑uile sheallaidhean agus bhruadairean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan