Agus thàinig Dia gu Abimelech ann an aisling anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Feuch, is duine marbh thu airson na mnà a ghabh thu; oir is bean duine eile i.
Agus bhruadair e; agus, feuch, fàradh air a chur suas air an talamh, agus a bhàrr a’ ruigheachd gu nèamh: agus, feuch, ainglean Dhè a’ dol suas agus a’ teachd a‑nuas air.
Agus chunnaic iad aisling le chèile, gach fear aca a aisling fhèin anns an aon oidhche, gach fear a rèir eadar-mhìneachadh a aislinge; buidealair agus fuineadair rìgh na h‑Eiphit, a bha ceangailte anns a’ phrìosan.
Air an oidhche sin theich cadal an rìgh uaithe; agus dh’iarr e leabhar-cuimhne nan eachdraidh làitheil a bhith air a thabhairt da ionnsaigh; agus leughadh iad am fianais an rìgh.
Agus tàrlaidh, mura creid iad mar an ceudna an dà chomharradh sin, agus mura èisd iad rid ghuth, gun gabh thu cuid de uisge na h‑aibhne, agus gun dòirt thu air an talamh thioram e: agus fàsaidh an t‑uisge a bheir thu as an abhainn na fhuil air an talamh thioram.
Labhair agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ad aghaidh, O Phàraoh, a rìgh na h‑Eiphit, an uabheist mhòr a tha na laighe ann am meadhon a aibhnichean fhèin, a thubhairt, Is leam fhèin m’abhainn, rinn mi air mo shon fhèin i.
Agus bidh tìr na h‑Eiphit falamh agus fàs; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna: a chionn gun dubhairt e, Is leamsa an abhainn, agus is mi a rinn i.
Agus nuair a bha e na shuidhe air cathair a’ bhreitheanais, chuir a bhean teachdaireachd da ionnsaigh, ag ràdh, Na biodh agadsa gnothach sam bith ris an fhìrean sin: oir is mòr a dh’fhuiling mise an‑diugh ann am bruadar air a shon-san.
Oir chan eil am fearann da bheil thu a’ dol a‑steach ga shealbhachadh mar fhearann na h‑Eiphit, on tàinig sibh a‑mach, far an robh thu a’ cur do shìl, agus ga uisgeachadh led chois, mar lios lusan: