Agus air an fhìonain bha trì meanglain; agus bha i mar gum biodh i a’ briseadh a‑mach, agus thàinig i fo làn bhlàth; agus thug a bagaidean dearcan abaich uapa.
Agus thubhairt iad ris, Chunnaic sinn aisling, agus chan eil neach againn a dh’eadar-mhìnicheas i. Agus thubhairt Iòseph riu, Nach ann o Dhia a tha gach eadar-mhìneachadh? Innsibh dhòmhsa iad, guidheam oirbh.
Chunnaic thusa, O rìgh, agus feuch ìomhaigh mhòr: sheas an ìomhaigh mhòr seo, aig an robh dealradh òirdheirc, fad chomhair, agus bha a dreach uamhasach.
Ach mu dheireadh thàinig Daniel a‑steach am làthair (dom b’ainm Beltesasar, a rèir ainm mo dhè-sa, agus anns a bheil spiorad nan diathan naomha), agus na làthair-san dh’innis mi am bruadar, ag ràdh,