Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 40:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fheòraich e de sheirbhisich Phàraoh, a bha an làimh maille ris ann an taigh a thighearna, ag ràdh, Carson a tha ur gnùis cho muladach an‑diugh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig Iòseph a‑steach dan ionnsaigh anns a’ mhadainn, agus dh’amhairc e orra, agus, feuch, bha iad dubhach.

Agus chuir e am prìosan iad uile rè trì làithean.

Agus thubhairt e ris, Carson a tha thusa, agus gur mac don rìgh thu, tana mar seo o là gu là? Nach innis thu dhòmhsa? Agus thubhairt Amnon ris, Tha gràdh agam air Tàmar, piuthar mo bhràthar Absalom.

Uime sin thubhairt an rìgh rium, Carson a tha do ghnùis dubhach, agus gun thu a bhith tinn? Cha nì eile seo ach cràdh cridhe. Agus bha eagal mòr orm;

Agus thubhairt e riu, Ciod e an còmhradh seo air a bheil sibh a’ teachd eadaraibh fhèin, ag imeachd dhuibh, agus sibh dubhach?

Agus thubhairt esan, Mo dhiathan a rinn mi thug sibh leibh, agus an sagart, agus dh’fhalbh sibh romhaibh; agus ciod a tha agamsa tuilleadh? Agus ciod e seo a tha sibh ag ràdh riu, Ciod a tha a’ teachd riut?

An sin thubhairt Elcanah a fear rithe, A Hanah, carson a tha thu a’ gul? Agus carson a tha do chridhe air a chràdh? Nach fheàrr mise dhut na deich mic?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan