Agus chunnaic iad aisling le chèile, gach fear aca a aisling fhèin anns an aon oidhche, gach fear a rèir eadar-mhìneachadh a aislinge; buidealair agus fuineadair rìgh na h‑Eiphit, a bha ceangailte anns a’ phrìosan.
Agus dh’fheòraich e de sheirbhisich Phàraoh, a bha an làimh maille ris ann an taigh a thighearna, ag ràdh, Carson a tha ur gnùis cho muladach an‑diugh?
Agus thubhairt iad ris, Chunnaic sinn aisling, agus chan eil neach againn a dh’eadar-mhìnicheas i. Agus thubhairt Iòseph riu, Nach ann o Dhia a tha gach eadar-mhìneachadh? Innsibh dhòmhsa iad, guidheam oirbh.
Agus anns a’ mhadainn bha a spiorad air a bhuaireadh; agus chuir e fios uaithe, agus ghairm e uile dhraoidhean na h‑Eiphit, agus a daoine glice uile: agus dh’innis Phàraoh a aislingean dhaibh; ach cha robh neach ann a dh’eadar-mhìnicheadh iad do Phàraoh.
An sin chaochail gnùis an rìgh, agus rinn a smuaintean a bhuaireadh, air chor is gu robh uilt a leasraidh air am fuasgladh, agus bhuail a ghlùinean an aghaidh a chèile.
An seo bha crìoch na cùise. Air mo shon-sa Daniel, rinn mo smuaintean gu ro‑mhòr mo bhuaireadh, agus dh’atharraich mo ghnùis annam; ach ghlèidh mi a’ chùis ann am chridhe.
Agus ormsa Daniel thàinig fàiling, agus bha mi tinn car làithean àraidh; na dhèidh sin, dh’èirich mi suas, agus rinn mi gnothaichean an rìgh; agus bha uamhas orm mun aisling, ged nach tug aon neach sin fa‑near.