Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 40:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir ceannard an fhreiceadain an cùram air Iòseph, agus fhritheil e dhaibh; agus dh’fhan iad tamall ann an làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus reic na Midianaich e anns an Eiphit ri Potiphar, oifigeach le Phàraoh, ceannard an fhreiceadain.

Agus thugadh Iòseph sìos don Eiphit; agus cheannaich Potiphar, oifigeach le Phàraoh, ceannard an fhreiceadain, Eiphiteach, e o làimh nan Ismaeleach, a thug sìos an sin e.

Agus chuir e an làimh iad ann an taigh ceannard an fhreiceadain anns a’ phrìosan, far an robh Iòseph ceangailte.

Agus chunnaic iad aisling le chèile, gach fear aca a aisling fhèin anns an aon oidhche, gach fear a rèir eadar-mhìneachadh a aislinge; buidealair agus fuineadair rìgh na h‑Eiphit, a bha ceangailte anns a’ phrìosan.

Agus chuir e am prìosan iad uile rè trì làithean.

Tabhair suas do shlighe don Tighearna, agus earb as, agus nì e e;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan