Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 40:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha corraich mhòr air Phàraoh ri dithis de a sheirbhisich, ris an àrd-bhuidealair, agus ris an àrd-fhuineadair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus an dèidh nan nithean sin, chuir buidealair rìgh na h‑Eiphit, agus a fhuineadair, fearg air an tighearna, rìgh na h‑Eiphit.

Agus thug e an t‑àrd-bhuidealair a‑chum a bhuidealaireachd a‑rìs; agus thug e an cupan do làimh Phàraoh:

Gidheadh, cha do chuimhnich an t‑àrd-bhuidealair air Iòseph, ach dhìochuimhnich e e.

Bha fearg air Phàraoh ra sheirbhisich, agus chuir e mise an làimh ann an taigh ceannard an fhreiceadain, araon mise agus an t‑àrd-fhuineadair:

Agus os cionn nam fìonlios bha Simei an Ramatach: os cionn toradh nam fìonlios, fa chomhair nam fìon-thaisgeach, bha Sabdi an Siphmitheach.

Gu cinnteach bheir fearg duine moladh dhut; fuidheall na feirge caisgidh tu.

Tha fearg rìgh mar theachdairean bàis; ach ciùinichidh duine glic i.

Mar bheucaich leòmhainn tha fearg rìgh; ach mar dhrùchd air feur tha a dheagh-ghean.

Fuilingidh fear na feirge mòire peanas; oir ma shaoras tu e, feumaidh tu a dhèanamh a‑rìs.

Is an‑iochdmhor corraich, agus mar thuil tha fearg: ach cò as urrainn seasamh am fianais tnù?

Agus bha fearg mhòr air Herod ri muinntir Thìruis agus Shìdoin: ach thàinig iadsan a dh’aon inntinn da ionnsaigh, agus air dhaibh Blastus, seòmradair an rìgh, a thoirt air an crann, dh’iarr iad sìth; do bhrìgh gu robh an tìr air a beathachadh le tìr an rìgh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan