Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 40:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Iòseph ris, Is e seo a h‑eadar-mhìneachadh: Na trì meanglain, is trì làithean iad:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus bha cupan Phàraoh am làimh; agus ghabh mi na fìon-dhearcan, agus dh’fhàisg mi iad ann an cupan Phàraoh, agus thug mi an cupan do làimh Phàraoh.

Eadhon an ceann trì làithean togaidh Phàraoh suas do cheann, agus bheir e a‑rìs gud àite fhèin thu; agus bheir thu cupan Phàraoh na làimh, mar a b’àbhaist dhut roimhe, nuair a bha thu ad bhuidealair aige.

Agus fhreagair Iòseph, agus thubhairt e, Is e seo a h‑eadar-mhìneachadh: Na trì basgaidean, is trì làithean iad:

Agus bha an sin maille rinn òganach Eabhraidheach, seirbhiseach do cheannard an fhreiceadain; agus dh’innis sinn dha, agus dh’eadar-mhìnich e dhuinn ar n‑aislingean: do gach fear againn a rèir a aislinge dh’eadar-mhìnich e.

Seo an nì a thubhairt mi ri Phàraoh: An nì a tha Dia gus a dhèanamh, nochd e do Phàraoh.

Am bruadar seo chunnaic mise Nebuchadnesar an rìgh: a‑nis, O Bheltesasair, foillsich thusa a bhrìgh, a chionn nach eil uile dhaoine glice mo rìoghachd comasach air fios a thoirt dhomh air a bhrìgh: ach tha thusa comasach, oir tha spiorad nan diathan naomha annad.

Agus ag ithe dhaibh, ghlac Iosa aran, agus air tabhairt buidheachais, bhris e e, agus thug e do na deisciobail e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh; is e seo mo chorp-sa.

Agus gun d’òl iad uile an aon deoch spioradail (oir dh’òl iad den charraig spioradail sin a lean iad: agus b’i a’ charraig sin Crìosd):

Oir is i Agar beinn Shinài ann an Aràbia, agus tha i a’ co‑fhreagradh do Ierusalem a tha a‑nis ann, agus tha i fo dhaorsa maille ra cloinn.

Agus fhreagair a chompanach, agus thubhairt e, Cha nì sam bith seo ach claidheamh Ghideoin mhic Iòais, duine de Israel: thug Dia thairis da làimh-san Midian, agus an sluagh uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan