Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 4:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Càin, Càit a bheil Abel do bhràthair? Agus thubhairt esan, Chan eil fhios agam. Am mise fear-gleidhidh mo bhràthar?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iùdah ra bhràithrean, Ciod an tairbhe a bhios ann dhuinne, ma mharbhas sinn ar bràthair, agus ma cheileas sinn a fhuil?

Agus chuir iad uapa còta nan iomadh dath, agus thug iad e a dh’ionnsaigh an athar; agus thubhairt iad, Fhuair sinne seo: aithnich a‑nis an e seo còta do mhic, no nach e.

Agus thubhairt esan, Ciod a rinn thu? Tha guth fuil do bhràthar ag èigheach riumsa on talamh.

Nuair a nì e rannsachadh air fuil, cuimhnichidh e orra; cha dìochuimhnich e glaodh nam bochd.

Dèan tròcair orm, a Thighearna; amhairc air m’àmhghar a tha mi a’ fulang uapasan lem fuathach mi, O thusa a tha gam thogail suas o gheatachan a’ bhàis;

An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair.

Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal, agus is iad ana-miannan ur n‑athar as toil leibh a dhèanamh: bha esan na mhortair o thùs, agus cha d’fhan e anns an fhìrinn, a chionn nach eil fìrinn ann. Nuair a labhras e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a’ labhairt: oir is breugair e, agus is e athair na brèige.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan