Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 4:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma nì thu gu math, nach gabhar riut? Agus mura dèan thu gu math, aig an doras tha peacadh na laighe. Agus riutsa bidh a thogradh, agus bidh uachdaranachd agad air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

33 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e ris, Feuch, ghabh mi rid athchuinge anns an nì seo mar an ceudna, nach sgrios mi am baile seo, mun do labhair thu.

Ris a’ mhnaoi thubhairt e, Meudaichidh mi gu mòr do dhoilgheas agus do thorrachas; am pèin beiridh tu clann, agus rid fhear bidh do thogradh, agus bidh uachdaranachd aige ort.

Iad sin uile thug Araunah don rìgh. Agus thubhairt Araunah ris an rìgh, Gun gabhadh an Tighearna do Dhia riut.

Agus chaidh e maille ri Ioram mac Ahaib gu cogadh an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria ann an Ramot-gilead; agus lot na Sirianaich Ioram.

Ma bhios euceart ad làimh, cuir fada uat i, agus na leig le aingidheachd còmhnachadh ad phàilleanan.

Oir an sin togaidh tu suas do ghnùis gun smal, agus bidh tu seasmhach, agus cha bhi eagal ort:

Mar a bha mi ann an làithean m’òige, nuair a bha rùn-diamhair Dhè air mo phàillean;

Agus uime sin gabhaibh dhuibh fhèin seachd tairbh òga agus seachd reitheachan, agus rachaibh a dh’ionnsaigh m’òglaich Iob, agus ìobraibh ìobairt-loisgte air ur son fhèin; agus nì m’òglach Iob ùrnaigh air ur son, oir ris-san gabhaidh mi: a‑chum nach buin mi ribh a rèir ur n‑amaideachd, a chionn nach do labhair sibh am thaobh-sa an nì a bha ceart, mar a labhair m’òglach Iob.

Chan eil e math gabhail ri gnùis an droch dhuine, a‑chum am fìrean a thilgeadh bun-os‑cionn ann am breitheanas.

Is gràinealachd ìobairt nan aingidh: cia mòr as mò, nuair a bheirear suas i le droch rùn?

Imich agus glaodh na briathran seo fa chomhair na h‑àird a tuath, agus abair; Till, O Israeil chùl-sleamhnaich, deir an Tighearna, agus cha leig mi mo chorraich ort; oir tha mise tròcaireach, deir an Tighearna, cha ghlèidh mi m’fhearg gu bràth.

Cuime an tig thugamsa tùis o Shèba, agus a’ chuilc chùbhraidh o dhùthaich fad as? Chan eil ur tabhartasan-loisgte taitneach, cha mhò a tha tlachd agamsa nur n‑ìobairtean.

Cò as Dia ann cosmhail riutsa, a mhaitheas aingidheachd, agus a ghabhas seachad air easaontas iarmad a oighreachd? Cha ghlèidh e a chorraich gu sìorraidh, a chionn gur toigh leis tròcair.

Gu cinnteach druidear na dorsan nur n‑aghaidh; agus chan fhadaidh sibh teine air m’altair-sa gu dìomhain. Chan eil tlachd air bith agam annaibh, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, cha mhò a ghabhas mi tabhartas air bith o ur làimh.

Thubhairt sibh fòs, Cia mòr an sgìos e? Agus shèid sibh uaibh e, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus thug sibh am ionnsaigh an nì a bha reubte, agus bacach, agus tinn; mar seo thug sibh tabhartas: an gabh mise sin o ur làimh? deir Tighearna nan sluagh.

A‑nis ma thairgeas sibh an nì a tha dall mar ìobairt, nach olc sin? Agus ma thairgeas sibh an nì a tha bacach agus tinn, nach olc sin? Tairg e a‑nis dod uachdaran; am bi e toilichte leat, no an gabh e riut? deir Tighearna nan sluagh.

Ach mura dèan sibh mar seo, feuch, pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna; agus bithibh cinnteach gum faigh ur peacadh a‑mach sibh.

Ach anns gach uile chinneach tha an neach air a bheil a eagal-san, agus a tha ag obrachadh fìreantachd, taitneach dha.

Air an adhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ur cuirp a thoirt nam beò-ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ur seirbhis reusanta.

Oir ge bè nì seirbhis do Chrìosd anns na nithean seo, tha e taitneach do Dhia, agus tha e dearbhte do dhaoine.

Ionnas gum bithinn am mhinistear aig Iosa Crìosd do na Cinnich, a’ frithealadh soisgeul Dhè, a‑chum gum biodh tabhartas nan Cinneach taitneach, air a naomhachadh leis an Spiorad Naomh.

Air an adhbhar sin na rìoghaicheadh am peacadh nur corp bàsmhor, air chor is gun tugadh sibh ùmhlachd dha na ana-miannan.

Nach eil fhios agaibh, an tì don toir sibh sibh fhèin mar sheirbhisich a‑chum ùmhlachd, gur seirbhisich sibh don tì don dèan sibh ùmhlachd; mas ann don pheacadh a‑chum bàis, no do ùmhlachd a‑chum fìreantachd?

A‑chum cliù glòir a ghràis, tre an do rinn e sinn taitneach na Mhac gràdhach:

Ach ma tha bantrach air bith aig a bheil clann, no oghachan, fòghlamadh iad air tùs a bhith dleasdanach nan taighean fhèin, agus ath-dhìol a thoirt dam pàrantan: oir tha seo math agus taitneach ann am fianais Dhè.

Tre chreideamh thug Abel suas do Dhia ìobairt na b’fheàrr na Càin, tre an tugadh teisteas dha gu robh e na fhìrean, air a bhith do Dhia a’ dèanamh fianais de a thìodhlacan: agus tre sin, air dha a bhith marbh, tha e fhathast a’ labhairt.

An sin air a bhith don ana-miann torrach, beiridh e peacadh: agus air don pheacadh a bhith air a chrìochnachadh, beiridh e bàs.

Tha sibhse mar an ceudna mar chlachan beò air ur togail suas nur taigh spioradail, nur sagartachd naomh, a‑chum ìobairtean spioradail a thoirt suas, taitneach do Dhia tre Iosa Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan