Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 4:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Càin, Carson a tha fearg ort? Agus carson a thuit do ghnùis?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Ma nì thu gu math, nach gabhar riut? Agus mura dèan thu gu math, aig an doras tha peacadh na laighe. Agus riutsa bidh a thogradh, agus bidh uachdaranachd agad air.

Oir marbhaidh fearg an t‑amaideach, agus bheir tnù bàs an duine shuaraich.

Thigibh a‑nis, agus tagramaid ri chèile, deir an Tighearna; ged robh ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chorcar, bidh iad mar olainn.

O sibhse den ghinealach seo, feuchaibh facal an Tighearna: an robh mise am fhàsach do Israel, am fhearann dorchadais? Cuime an dubhairt mo shluagh, Is tighearnan sinn oirnn fhèin; cha tig sinn nas mò thugadsa?

Mar seo deir an Tighearna, Ciod an t‑euceart a fhuair ur n‑athraichean annamsa, gun d’imich iad fada uam, agus gun do ghluais iad an dèidh dìomhanais, agus gun d’fhàs iad dìomhain?

An sin thubhairt an Tighearna, Am math a thig dhut fearg a bhith ort?

Agus thubhairt Dia ri Ionah, An ceart dhut do chorraich a bhith air lasadh airson na luibh-sgàile? Agus thubhairt esan, Is ceart dhomh a bhith ann an corraich gu bàs.

Nach eil e ceadaichte dhòmhsa an nì as àill leam a dhèanamh rim chuid fhèin? A bheil do shùil-sa olc, airson gu bheil mise math?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan