An sin gairmibh-se air ainm ur diathan fhèin, agus gairmidh mise air ainm an Tighearna: agus an Dia a fhreagras le teine, bidh esan na Dhia. Agus fhreagair an sluagh uile agus thubhairt iad, Is math a labhair thu.
An sin thuit teine an Tighearna, agus chaith e an ìobairt-loisgte, agus an connadh, agus na clachan, agus an luaithre; agus an t‑uisge a bha anns a’ chlais dh’imlich e suas.
Agus thog Daibhidh an sin altair don Tighearna, agus dh’ìobair e ìobairtean-loisgte agus ìobairtean-sìth, agus ghairm e air an Tighearna; agus fhreagair e e le teine o nèamh air altair na h‑ìobairt-loisgte.
Agus nuair a chuir Solamh crìoch air ùrnaigh a dhèanamh, thàinig an teine a‑nuas o nèamh, agus loisg e suas an tabhartas-loisgte agus na h‑ìobairtean; agus lìon glòir an Tighearna an taigh.
An sin cuiridh tu air leth don Tighearna gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù, agus gach ciad-ghin a thig o ainmhidh as leatsa; buinidh iadsan a tha fireann nam measg don Tighearna.
A‑rìs, dh’amhairc mi air gach uile shaothair agus gach uile obair cheirt, gur fàth farmaid do dhuine o a choimhearsnach i. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.
Agus thàinig teine a‑mach o làthair an Tighearna, agus loisg e air an altair an ìobairt-loisgte, agus an t‑saill: agus chunnaic an sluagh uile e, agus rinn iad iolach, agus thuit iad air an aghaidh.
Agus bha Maois ro‑dhiombach; agus thubhairt e ris an Tighearna, Na biodh meas agad dan tabhartas; cha do ghabh mise aon asal uapa, cha mhò a rinn mi cron air aon dhiubh.
A’ chuid as fheàrr uile den ola, agus a’ chuid as fheàrr uile den fhìon, agus den chruithneachd, an ciad-thoradh leòsan a bheir iad seachad don Tighearna, iad sin thug mi dhut.
Ach ciad-ghin boin, no ciad-ghin caorach, no ciad-ghin goibhre, chan fhuasgail thu; tha iad naomh: crathaidh tu am fuil air an altair, agus loisgidh tu an saill mar thabhartas a bheirear suas le teine, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna.
Tre chreideamh thug Abel suas do Dhia ìobairt na b’fheàrr na Càin, tre an tugadh teisteas dha gu robh e na fhìrean, air a bhith do Dhia a’ dèanamh fianais de a thìodhlacan: agus tre sin, air dha a bhith marbh, tha e fhathast a’ labhairt.
Agus nì iadsan uile, a tha nan còmhnaidh air an talamh, adhradh dha, aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain, a mharbhadh o thoiseach an t‑saoghail.
An sin chuir aingeal an Tighearna a‑mach bàrr a’ bhata a bha na làimh, agus bhean e ris an fheòil, agus ris na breacagan neo-ghortaichte; agus dh’èirich teine suas as a’ charraig, agus loisg e an fheòil, agus na breacagan neo-ghortaichte. An sin chaidh aingeal an Tighearna as a shealladh.
Agus thubhairt Samuel, A bheil tlachd aig an Tighearna ann an tabhartasan-loisgte agus an ìobairtean, mar ann an ùmhlachd do ghuth an Tighearna? Feuch, is fheàrr ùmhlachd na ìobairt, agus aire a thabhairt na saill reitheachan.