Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 4:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàrladh, an ceann làithean àraidh, gun tug Càin de thoradh an fhearainn tabhartas don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus a‑rìs rug i a bhràthair Abel. Agus bha Abel na bhuachaille chaorach, ach bha Càin na threabhaiche fearainn.

Agus thug Abel mar an ceudna de chiad-ghin a threuda, agus den saill. Agus bha meas aig an Tighearna air Abel agus air a thabhartas:

Ach an ceann tamaill thiormaich an sruth, a chionn nach robh uisge anns an tìr.

Ach nuair a thachair seo uile cha robh mise ann an Ierusalem; oir ann an dara-bliadhna-deug ar fhichead Artacsercseis rìgh Bhàbiloin, thàinig mi a dh’ionnsaigh an rìgh, agus an dèidh làithean àraidh fhuair mi cead on rìgh:

A’ chuid as fheàrr uile den ola, agus a’ chuid as fheàrr uile den fhìon, agus den chruithneachd, an ciad-thoradh leòsan a bheir iad seachad don Tighearna, iad sin thug mi dhut.

Is an‑aoibhinn dhaibh! Oir dh’imich iad ann an slighe Chàin, agus ruith iad gu togarrach ann an seachran Bhalàaim air ghaol tuarasdail, agus sgriosadh iad ann an ana-cainnt cheannaircich Chore.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan