Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 4:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus do Shet fhèin mar an ceudna rugadh mac; agus thug e Enos mar ainm air: an sin thòisich daoine ri gairm air ainm an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh e as a sin gu sliabh air an taobh an ear de Bhetel, agus shuidhich e a bhùth, agus Betel aige air an taobh an iar, agus Hai air an taobh an ear: agus thog e an sin altair don Tighearna, agus ghairm e air ainm an Tighearna.

Agus thog e altair an sin, agus ghairm e air ainm an Tighearna, agus shuidhich e an sin a bhùth: agus chladhaich seirbhisich Isaaic tobar an sin.

An sin gairmibh-se air ainm ur diathan fhèin, agus gairmidh mise air ainm an Tighearna: agus an Dia a fhreagras le teine, bidh esan na Dhia. Agus fhreagair an sluagh uile agus thubhairt iad, Is math a labhair thu.

Dhutsa ìobraidh mi ìobairt mholaidh, agus air ainm an Tighearna gairmidh mi.

Their am fear seo, Is leis an Tighearna mise; agus ainmichear fear eile air ainm Iàcoib; agus sgrìobhaidh fear eile le a làimh don Tighearna, agus sloinnidh e e fhèin air ainm Israeil.

Cluinnibh seo, o thaigh Iàcoib, sibhse tha air ur n‑ainmeachadh air Israel; agus a thàinig a‑mach o uisgeachan Iùdah; a tha a’ mionnachadh air ainm an Tighearna, agus a’ dèanamh luaidh air Dia Israeil; ach chan ann am fìrinn no ann an ionracas.

Bu leat sinne riamh; cha robh thu a’ riaghladh os an cionn-san; cha robh iad air an gairm air d’ainm.

Anns na làithean sin tèarnar Iùdah, agus gabhaidh Ierusalem còmhnaidh ann an tèarainteachd: agus is e seo esan ris an goirear Iehòbhah ar Fìreantachd.

Agus tàrlaidh, ge bè air bith a ghairmeas air ainm an Tighearna, tèarnar e: oir ann an sliabh Shioin agus ann an Ierusalem bidh tèarnadh, mar a thubhairt an Tighearna; eadhon am measg an iarmaid a ghairmeas an Tighearna.

Gu deimhinn tillidh mi an sin ris na slòigh teanga ghlan, gu gairm gu lèir air ainm an Tighearna, gu seirbhis a dhèanamh dha le aon rùn.

Mhic Enois, mhic Shet, mhic Adhaimh, mhic Dhè.

Agus air dha a fhaotainn, thug e leis e gu Antioch. Agus thàrladh gu robh iad rè bliadhna iomlain air an cruinneachadh maille ris an eaglais, agus gun do theagaisg iad sluagh mòr. Agus ghoireadh Crìosdaidhean de na deisciobail air tùs ann an Antioch.

Agus tàrlaidh, ge bè neach a ghairmeas air ainm an Tighearna, gun tèarnar e.

Oir ge bè neach a ghairmeas air ainm an Tighearna tèarnar e.

A‑chum eaglais Dhè, a tha ann an Corintus, a‑chum an dream a tha air an naomhachadh ann an Iosa Crìosd, air an gairm gu bhith nan naoimh, maille riùsan uile a tha a’ gairm air ainm ar Tighearna Iosa Crìosd anns gach àite, an Tighearna-san, agus ar Tighearna-ne:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan