Agus thubhairt Làmech ra mhnathan, Adah agus Sillah, Cluinnibh mo ghuth, a mhnathan Làmeich, èisdibh rim chainnt: oir mharbh mi duine a‑chum mo lotaidh, agus òganach a‑chum mo chiùrraidh.
Agus Sillah, rug ise mar an ceudna Tubal-càin, fear-teagaisg gach uile fhir-ceàirde ann an umha agus ann an iarann: agus b’i piuthar Thubal-càin Nàamah.
Cha dèan thu dìoghaltas, cha mhò a bhios falachd agad ri cloinn do shluaigh, ach gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin: Is mise an Tighearna.
Dhòmhsa buinidh dìoghaltas, agus luigheachd; ri ùine sleamhnaichidh an cas: oir tha là an sgrios am fagas, agus tha na nithean a thig orra a’ dèanamh deifir.
Agus nuair a dh’innis iad seo do Iotam, chaidh e agus sheas e air mullach sliabh Gheridsim, agus thog e suas a ghuth, agus ghlaodh e, agus thubhairt e riu, Eisdibh riumsa, sibhse a mhaithean Shecheim, a‑chum gun èisd Dia ribhse.