Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 4:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh Làmech dha fhèin dà mhnaoi: b’e ainm a h‑aoin dhiubh Adah, agus ainm na mnà eile Sillah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna Dia, Chan eil e math gum biodh an duine na aonar: nì mi dha còmhnadh da rèir fhèin.

Air an adhbhar sin fàgaidh fear a athair agus a mhàthair, agus dlùth-leanaidh e ra mhnaoi: agus bidh iad nan aon fheòil.

Agus rugadh do Enoch Irad; agus ghin Irad Mehuiael; agus ghin Mehuiael Metusael; agus ghin Metusael Làmech.

Agus ghin Adah Iabal: b’esan athair na dream a tha a’ gabhail còmhnaidh am bùthan, agus na dream aig a bheil sprèidh.

Agus thubhairt Làmech ra mhnathan, Adah agus Sillah, Cluinnibh mo ghuth, a mhnathan Làmeich, èisdibh rim chainnt: oir mharbh mi duine a‑chum mo lotaidh, agus òganach a‑chum mo chiùrraidh.

Agus ghabh Iehoiada air a shon dà mhnaoi, agus ghin e mic agus nigheanan.

Thubhairt esan riu, Dh’fhuiling Maois dhuibhse, airson cruas ur cridhe, ur mnathan a chur uaibh: ach cha robh e mar sin o thùs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan