Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 4:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’aithnich Càin a bhean; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i Enoch: agus thog e baile, agus ghoir e ainm a’ bhaile, a rèir ainm a mhic, Enoch.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid dhuinn fhèin baile, agus tùr, aig am bi a mhullach a’ ruigheachd gu nèamh; agus dèanamaid dhuinn fhèin ainm, air eagal gun sgaoilear o chèile sinn air aghaidh na talmhainn uile.

Agus chaidh Càin a‑mach à làthair an Tighearna, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Nod, an taobh an ear de Eden.

Agus rugadh do Enoch Irad; agus ghin Irad Mehuiael; agus ghin Mehuiael Metusael; agus ghin Metusael Làmech.

Agus bha Iàred beò ceud agus trì-fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e Enoch:

Agus ghluais Enoch maille ri Dia, an dèidh dha Metùselah a ghintinn, trì cheud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:

A‑nis ghabh Absalom, nuair a bu bheò e, agus chuir e suas dha fhèin carragh, a tha ann an gleann an rìgh: oir thubhairt e, Chan eil mac agam a chumail m’ainme air chuimhne: agus thug e a ainm fhèin air a’ charragh; agus theirear ris gu ruig an là‑an‑diugh, Clach-chuimhneachain Absaloim.

Is iad smuaintean an cridhe gum mair an taighean gu bràth, an ionadan-còmhnaidh o linn gu linn; bheir iad ainm air am fearann a rèir an ainme fhèin.

Ach ged robh an duine ann an urram, cha mhair e; is cosmhail e ris na h‑ainmhidhean, a ghearrar as.

Labhair an rìgh agus thubhairt e, Nach i seo Bàbilon mhòr, a thog mise mar thaigh na rìoghachd, le neart mo chumhachd, agus airson onair mo mhòrachd?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan