Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 4:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ris, Uime sin ge bè air bith a mharbhas Càin, nìthear a sheachd uiread de dhìoghaltas air. Agus chuir an Tighearna comharradh air Càin, a‑chum ge bè neach a gheibheadh e nach marbhadh e e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Ma dhìolar Càin a sheachd uiread, gu deimhinn dìolar Làmech a sheachd-deug agus a thrì-fichead uiread.

Agus mar an ceudna le làimh an fhàidh Iehu mhic Hanani, thàinig facal an Tighearna an aghaidh Bhaasa, agus an aghaidh a thaighe, airson an uilc uile a rinn e ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg le obair a làmh, gu bhith mar thaigh Ierobòaim, agus a chionn gun do mharbh e e.

Na marbh iad, air eagal gun dìochuimhnich mo shluagh; sgaoil iad led neart, agus leag gu h‑ìosal iad, a Thighearna, ar sgiath.

Agus ìoc dar coimhearsnaich a sheachd uiread nam broilleach, am masladh leis an do mhaslaich iad thusa, a Thighearna.

Ach ma ghlacar e, aisigidh e a sheachd uiread; uile mhaoin a thaighe bheir e seachad.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Imich tro mheadhon a’ bhaile, tro mheadhon Ierusaleim, agus cuir comharradh air aodainn na muinntir a tha ag osnaich agus a’ glaodhaich airson nan uile ghràinealachdan a tha air an dèanamh na meadhon.

Marbhaibh gu tur an sean agus an t‑òg, an òigh agus an leanabh, agus na mnathan; ach na beanaibh ri aon duine air a bheil an comharradh; agus tòisichibh aig mo naomh-ionad-sa. An sin thòisich iad aig na seann daoine a bha fa chomhair an taighe.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Goir Iesreel mar ainm air; oir fòs tamall beag, agus dìolaidh mise fuil Iesreeil air taigh Iehu, agus cuiridh mi casg air rìoghachd taigh Israeil.

Agus mura èisd sibh rium fhathast air a shon seo uile, an sin nì mi peanas oirbh seachd uairean nas mò airson ur peacaidhean.

Agus ma thèid sibh am aghaidh, agus nach èisd sibh rium; bheir mi seachd uairean tuilleadh phlàighean oirbh, a rèir ur peacaidhean.

An sin thèid mise mar an ceudna nur n‑aghaidh-se, agus nì mi peanas oirbh seachd uairean fhathast airson ur peacaidhean.

An sin thèid mise nur n‑aghaidh-se mar an ceudna ann am fraoch feirge; agus smachdaichidh mise, eadhon mise, seachd uairean sibh airson ur peacaidhean.

An sin thubhairt Iosa ris, Cuir a‑rìs do chlaidheamh air ais na ionad fhèin, oir iadsan uile a ghlacas an claidheamh, tuitidh iad leis a’ chlaidheamh.

Agus bidh deatach am pèine ag èirigh suas gu saoghal nan saoghal: agus chan eil fois sam bith a là no dh’oidhche acasan a nì adhradh don fhiadh-bheathach agus da ìomhaigh, no aig neach air bith a ghabhas comharradh a ainme-san.

Agus lean an treas aingeal iad, ag ràdh le guth àrd, Ma nì neach air bith adhradh don fhiadh-bheathach, agus da ìomhaigh, agus ma ghabhas e a chomharradh air clàr a aodainn, no air a làimh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan