Genesis 4:14Am Bìoball Gàidhlig 1992Feuch, dh’fhògair thu mi a‑mach an‑diugh bhàrr aghaidh na talmhainn agus od ghnùis-sa falaichear mi; agus bidh mi am fhògarrach agus am fhear-fuadain air an talamh; agus tàrlaidh, gach neach a gheibh mi, gum marbh e mi. Faic an caibideil |
Agus, feuch, dh’èirich an teaghlach uile an aghaidh do bhanoglaich, agus thubhairt iad, Thoir seachad esan a bhuail a bhràthair, a‑chum gum marbh sinn e airson anam a bhràthar a mharbh e, agus gum marbh sinn an t‑oighre mar an ceudna: agus mar sin mùchaidh iad m’èibhleag a dh’fhàgadh, air chor is nach fàg iad aig m’fhear aon chuid ainm no iarmad air aghaidh na talmhainn.