Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 39:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chan eil neach anns an taigh seo as mò na mise; agus cha do chùm e uam nì sam bith ach thusa, a chionn gur tu a bhean: cionnas uime sin a nì mise an t‑olc mòr seo, agus a pheacaicheas mi an aghaidh Dhè?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Ach bha daoine Shòdoim aingidh agus nam peacaich am fianais an Tighearna gu ro‑mhòr.

Agus thàinig Dia gu Abimelech ann an aisling anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Feuch, is duine marbh thu airson na mnà a ghabh thu; oir is bean duine eile i.

Agus thubhairt Dia ris ann an aisling, Seadh, tha fhios agam gur ann an treibhdhireas do chridhe a rinn thu seo, agus chùm mise mar an ceudna thu o pheacachadh am aghaidh: uime sin cha do leig mi leat beantainn rithe.

An sin ghairm Abimelech air Abrahàm, agus thubhairt e ris, Ciod e seo a rinn thu oirnn? Agus ciod an eucoir a rinn mise ort, gun tug thu ormsa agus air mo rìoghachd peacadh mòr? Rinn thu gnìomharan ormsa nach bu chòir a dhèanamh.

Agus thubhairt Abrahàm ra sheirbhiseach a bu shine na thaigh, aig an robh riaghladh gach nì a bha aige, Cuir, guidheam ort, do làmh fom shliasaid.

Agus thachair e, nuair a labhair i ri Iòseph o là gu là, nach èisdeadh esan rithe, gu laighe leatha, no a bhith maille rithe.

Bidh tu os cionn mo thaighe-sa, agus a rèir d’fhacail bidh mo shluagh uile air an riaghladh: a‑mhàin anns an rìgh-chathair bidh mise nas mò na thu.

Agus thubhairt Iòseph riu air an treas là, Dèanaibh seo, agus bithibh beò: oir tha eagal Dhè ormsa:

Agus nuair a bha am bròn thairis, chuir Daibhidh fios oirre, agus thug e i a dh’ionnsaigh a thaighe, agus bha i na mnaoi aige, agus rug i mac dha: ach bha an nì a rinn Daibhidh olc ann an sùilean an Tighearna.

Agus thubhairt Daibhidh ri Nàtan, Pheacaich mi an aghaidh an Tighearna. Agus thubhairt Nàtan ri Daibhidh, Mar an ceudna chuir an Tighearna air falbh do pheacadh: chan fhaigh thu bàs.

Ach bha na ciad uachdarain a bha romham trom air an t‑sluagh, agus ghabh iad uapa aran agus fìon, a thuilleadh air dà‑fhichead secel airgid; rinn eadhon an òglaich aintighearnas air an t‑sluagh: ach cha do rinn mise mar sin air eagal Dhè.

Agus thubhairt mi, An teich duine mar a tha mise? Agus cò mar a tha mise a rachadh a‑steach don teampall, a‑chum gum maireadh e beò? Cha tèid mi a‑steach.

Oir bha sgrios o Dhia na uamhas dhòmhsa, agus a‑thaobh a àirde-san cha robh e an comas dhomh fulang.

Ad aghaidh, ad aghaidh fhèin a‑mhàin pheacaich mi, agus rinn mi olc ad shealladh, air chor is gum fìreanaichear thusa nuair a labhras tu, gum bi thu glan nuair a bheir thu breith.

Mar sin esan a thèid a‑steach a‑chum bean a choimhearsnaich: cha bhi neach air bith neochiontach a bheanas rithe.

Ach ge bè nì adhaltranas ri mnaoi, tha e gun tuigse: sgriosaidh esan a nì e a anam fhèin.

Agus fhuair mi nas seirbhe na am bàs a’ bhean aig a bheil a cridhe na ribeachan agus na lìontan, agus a làmhan nan ceanglaichean: ge bè neach a thaitneas ri Dia, thèid e as uaipe; ach glacar am peacach leatha.

Uime sin mar seo deir an Tighearna, Feuch, tilgidh mise thu bhàrr aghaidh na talmhainn; air a’ bhliadhna seo gheibh thu bàs, a chionn gun do labhair thu ceannairc an aghaidh an Tighearna.

Iadsan uile a fhuair iad, shluig iad suas iad; oir thubhairt an naimhdean, Chan eil sinn ri cron air bith, a chionn gun do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna, àite-tàimh a’ cheartais; eadhon an Tighearna, dòchas an athraichean.

Agus an duine a nì adhaltranas ri mnaoi fir eile, eadhon esan a nì adhaltranas ri mnaoi a choimhearsnaich, cuirear an t‑adhaltranach agus a’ bhan-adhaltranach gu cinnteach gu bàs.

Ma pheacaicheas anam, agus gun dèan e easaontas an aghaidh an Tighearna, agus gun dèan e breug da choimhearsnach a‑thaobh an nì a thugadh dha ra ghleidheadh, no ann an companas, no a‑thaobh an nì a thugadh air falbh le ainneart, no ma mheall e a choimhearsnach;

Ach mura dèan sibh mar seo, feuch, pheacaich sibh an aghaidh an Tighearna; agus bithibh cinnteach gum faigh ur peacadh a‑mach sibh.

Ach an tì do nach b’aithne, agus a rinn nithean a b’airidh air buillean, buailear esan le beagan bhuillean. Oir gach neach don tugadh mòran, iarrar mòran uaithe: agus ge bè rin d’earbadh mòran, iarrar an tuilleadh air.

Os bàrr iarrar ann an stiùbhardan gum faighear neach dìleas.

Gun a bhith a’ ceiltinn aon nì den cuid, ach a’ nochdadh gach uile dheagh thairisneachd; a‑chum gun dèan iad teagasg Dhè ar Slànaighear maiseach anns na h‑uile nithean.

Tha am pòsadh urramach anns na h‑uile, agus an leabaidh neo-shalach: ach air luchd-strìopachais agus adhaltranais bheir Dia breith.

Ge bè neach a ghineadh o Dhia cha dèan e peacadh: oir tha a shìol-san a’ fantainn ann; agus chan eil e an comas dha peacadh a dhèanamh, do bhrìgh gun do ghineadh o Dhia e.

Ach aig an dream sin a tha gealtach, agus mì‑chreidmheach, agus gràineil, agus aig luchd-mort, agus strìopachais, agus draoidheachd, agus iodhal-adhraidh, agus aig na h‑uile bhreugairean, bidh an cuibhreann anns an loch a tha a’ dearg-lasadh le teine agus pronnasg, nì as e an dara bàs.

Oir an taobh a‑muigh tha madaidhean, agus luchd-draoidheachd, agus luchd-strìopachais, agus luchd-mort, agus luchd-iodhal-adhraidh, agus gach neach a ghràdhaicheas, agus a nì, breug.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan