Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 39:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an dèidh nan nithean sin leag bean a mhaighistir a sùilean air Iòseph agus thubhairt i, Laigh leamsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus a chunnaic mic Dhè nigheanan dhaoine, gu robh iad sgiamhach; ghabh iad dhaibh fhèin mnathan de gach uile a roghnaich iad.

Agus nuair a thug i iad da ionnsaigh a‑chum an ithe, rug e oirre, agus thubhairt e rithe, Thig, laigh leam, a phiuthar.

Rinn mi coicheangal rim shùilean: carson, matà, a smaoinichinn air maighdinn?

Tionndaidh mo shùilean o amharc air dìomhanas; ann ad shlighean beòthaich mi.

A mhic, ma thàlaidheas peacaich thu, na aontaich thusa leo;

A‑chum do shaoradh on mhnaoi choimhich, on bhanachoigrich a nì miodal le a briathran;

Air eagal gun toir thu do neart do mhuinntir eile, agus do bhliadhnachan don an‑iochdmhor:

Oir le mnaoi strìopachail bheirear duine gu greim arain; agus sealgaidh a’ bhan-adhaltranach air an anam luachmhor.

Agus rug i air, agus phòg i e, agus le aghaidh gun nàire thubhairt i ris,

Agus chumadh na frasan air an ais, agus an t‑uisge deireannach cha robh ann; gidheadh, agadsa bha aodann strìopaich, chuir thu cùl ri nàire.

Thog thu ionad àrd aig gach aon cheann den t‑slighe, agus thug thu air do mhaise a bhith air a fuathachadh, agus rinn thu coitcheann thu fhèin do gach aon a ghabh seachad, agus rinn thu do strìopachais lìonmhor.

Ach ri mnaoi a nì adhaltranas, a ghabhas coigrich an àite a fir fhèin.

Agus tha thusa dìreach an aghaidh nòs mhnathan eile ann ad strìopachas, am feadh nach eil aon neach a’ dol air do dhèidh a dhèanamh strìopachais: is ann a tha thu a’ toirt duaise seachad, agus gun duais air bith ga toirt dhut: uime sin tha thu nan aghaidh ann ad nòs.

Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach a dh’amhairceas air mnaoi a‑chum a miannachadh, gun do rinn e adhaltranas leatha cheana na chridhe.

Aig a bheil an sùilean làn adhaltranais, agus do nach eil e an comas sgur de pheacadh; a’ mealladh anaman neo-shuidhichte; aig a bheil an cridhe air a chleachdadh ri gnìomharan sanntach; clann nam mallachd:

Oir na h‑uile a tha anns an t‑saoghal, ana-miann na feòla, agus ana-miann nan sùl, agus uabhar na beatha, chan ann on Athair a tha iad, ach on t‑saoghal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan