Agus dh’fhàg e gach nì a bha aige an làimh Iòseiph, agus cha b’fhios dha aon nì a bha aige, saor on aran a bha e ag ithe. Agus bha Iòseph na dhuine maiseach, agus sgiamhach anns an aghaidh.
Cha d’amhairc fear-gleidhidh a’ phrìosain air nì sam bith a bha fo a làimh, a chionn gu robh an Tighearna maille ris; agus an nì sin a rinn e thug an Tighearna air soirbheachadh leis.
Agus fhuair Iòseph deagh-ghean na shealladh, agus rinn e seirbhis dha; agus rinn e e na fhear-riaghlaidh air a thaigh, agus gach nì a bha aige chuir e fo a làimh.
Agus dhiùlt esan agus thubhairt e ri mnaoi a mhaighistir, Feuch, chan eil fhios aig mo mhaighistir ciod a tha maille rium anns an taigh, agus gach nì a tha aige chuir e fom làimh-sa;
Agus chuir iad sìos dhàsan leis fhèin, agus dhaibhsan leo fhèin, agus do na h‑Eiphitich, a dh’ith maille ris, leo fhèin; a chionn nach faodadh na h‑Eiphitich aran ithe maille ris na h‑Eabhraidhich; oir is gràinealachd sin do na h‑Eiphitich.
An tì a tha fìrinneach anns an nì as lugha, tha e fìrinneach mar an ceudna ann am mòran; agus an tì a tha eucorach anns an nì as lugha, tha e eucorach ann am mòran mar an ceudna.
Agus thubhairt e ris, Is math, a dheagh sheirbhisich: do bhrìgh gu robh thusa fìrinneach ann an ro‑bheagan, biodh agadsa uachdaranachd air deich bailtean.
Agus chuir e fios air, agus thug e a‑steach e: a‑nis bha e ruiteach, agus sgiamhach na ghnùis, agus maiseach ri amharc air. Agus thubhairt an Tighearna, Eirich, ung e; oir is e seo esan.
Agus nuair a dh’amhairc am Philisteach agus a chunnaic e Daibhidh, rinn e dìmeas air, a chionn gu robh e na òganach, agus ruiteach, agus sgiamhach na ghnùis.