Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 39:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhuair Iòseph deagh-ghean na shealladh, agus rinn e seirbhis dha; agus rinn e e na fhear-riaghlaidh air a thaigh, agus gach nì a bha aige chuir e fo a làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Abram, A Thighearna Dhè, ciod a bheir thu dhomh, agus mi ag imeachd gun chloinn, agus gur e Elièser seo o Dhamascas fear-riaghlaidh mo thaighe?

Agus thubhairt e, Mo thighearna, ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, guidheam ort, na rach seachad air do sheirbhiseach;

Feuch a‑nis, fhuair do sheirbhiseach deagh-ghean ad shùilean, agus mheudaich thu do thròcair, a nochd thu dhòmhsa lem anam a theasairginn; agus chan urrainn mise dol as don t‑sliabh, air eagal gun tig olc-eigin orm, agus gum faigh mi bàs:

Agus thubhairt Abrahàm ra sheirbhiseach a bu shine na thaigh, aig an robh riaghladh gach nì a bha aige, Cuir, guidheam ort, do làmh fom shliasaid.

Agus tha agam buar, agus asail, treudan, agus òglaich, agus banoglaich; agus chuir mi a dh’innse dom thighearna, a‑chum gum faighinn deagh-ghean ad shùilean.

Agus thubhairt Iàcob, Chan eadh, guidheam ort, ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, an sin gabh mo thìodhlac om làimh: oir uime sin chunnaic mi do ghnùis, mar gum faicinn gnùis Dhè, agus thaitinn mi riut.

Agus thubhairt e, Ciod as ciall dhut leis an iomain seo uile, a choinnich mi? Agus thubhairt esan, Gu deagh-ghean fhaghail ann an sùilean mo thighearna.

Agus dhiùlt esan agus thubhairt e ri mnaoi a mhaighistir, Feuch, chan eil fhios aig mo mhaighistir ciod a tha maille rium anns an taigh, agus gach nì a tha aige chuir e fom làimh-sa;

Agus rinn a sheirbhiseach Simri, ceannard leth a charbadan, ceannairc na aghaidh nuair a bha e ann an Tirsah, ag òl gus an robh e air mhisg ann an taigh Arsah, a bha os cionn a thaighe ann an Tirsah.

Agus thaitinn an òigh ris, agus fhuair i coibhneas na làthair, agus rinn e deifir gus a nithean airson glanaidh, agus na bhuineadh dhi, a thabhairt da h‑ionnsaigh, agus gu seachd maighdeannan iomchaidh a thabhairt dhi à taigh an rìgh; agus chuir e i fhèin agus a maighdeannan don àit a b’fheàrr de thaigh nam ban.

Bidh deagh-ghean an rìgh aig seirbhiseach glic; ach bidh a fhearg na aghaidh-san a bhios na adhbhar nàire.

Nuair a ghabhas an Tighearna tlachd ann an slighean duine, bheir e air a naimhdean fhèin a bhith ann an sìth ris.

Riaghlaidh seirbhiseach tuigseach os cionn a’ mhic a bhios na adhbhar nàire; agus am measg nam bràthair roinnidh e an oighreachd.

Ma chì thu fear a bhios ealamh na ghnothaichean, seasaidh e an làthair rìghrean; cha seas e an làthair dhaoine ìosal.

Ge bè ghleidheas craobh-fhìge, ithidh e de a toradh; mar sin esan a dh’fheitheas air a mhaighistir, gheibh e urram.

Agus gheibh thu deagh-ghean, agus tuigse mhath, ann an sealladh Dhè agus dhaoine.

Air an adhbhar sin thugaibh aire dhuibh fhèin, agus don treud uile, air an do rinn an Spiorad Naomh luchd-coimhead dhibh, a bheathachadh eaglais Dhè, a cheannaich e le a fhuil fhèin.

Agus fhreagair an t‑òglach a chuireadh os cionn nam buanaichean, agus thubhairt e, Is i seo an òg‑bhean Mhòabach, a thàinig air a h‑ais maille ri Naòmi à fearann Mhòaib:

Agus chuir Saul teachdaire a dh’ionnsaigh Iese, ag ràdh, Seasadh, guidheam ort, Daibhidh am fhianais; oir fhuair e deagh-ghean am shùilean.

(Agus dh’fhàs an leanabh Samuel suas, agus bha e taitneach araon don Tighearna agus do dhaoine.)




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan