Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 39:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic a mhaighistir gu robh an Tighearna maille ris, agus gun tug an Tighearna air gach nì a rinn e soirbheachadh na làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

28 Iomraidhean Croise  

Agus bha Dia leis an òganach; agus dh’fhàs e suas, agus ghabh e còmhnaidh anns an fhàsach, agus bha e na fhear-bogha.

Agus anns an àm sin fhèin labhair Abimelech, agus Phicol, àrd-cheannard a shluaigh, ri Abrahàm, ag ràdh, Tha Dia leat anns gach nì a tha thu a’ dèanamh.

A‑nis uime sin mionnaich dhòmhsa air Dia nach buin thu gu fealltach riumsa, no rim mhac, no ri mac mo mhic: ach a rèir a’ choibhneis a rinn mi riut, nì thusa riumsa, agus ris an tìr anns an robh thu air chuairt.

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha anns an oidhche sin fhèin, agus thubhairt e, Is mise Dia Abrahàim d’athair; na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi do shliochd lìonmhor air sgàth mo sheirbhisich Abrahàm.

Agus thubhairt iadsan, Chunnaic sinn gu cinnteach gu robh an Tighearna leat; agus thubhairt sinn, Biodh a‑nis mionnan eadarainn, eadhon eadar sinne agus thusa, agus dèanamaid coicheangal riut;

Agus thubhairt Làban ris, Guidheam ort, ma fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, fuirich: oir dh’fhòghlaim mi om fhiosrachadh fhèin gun do bheannaich an Tighearna mi air do sgàth-sa.

Oir is beag a bha agad mun tàinig mi, agus a‑nis tha e air fàs na mhòran; agus bheannaich Dia thu an lorg mo theachd-sa; agus a‑nis, cuin a nì mi mar an ceudna airson mo thaighe fhèin?

Agus bha an Tighearna maille ri Iòseph, agus bha e na dhuine leis an do shoirbhich gach nì; agus bha e ann an taigh a mhaighistir, an t‑Eiphiteach.

Ach bha an Tighearna maille ri Iòseph, agus nochd e tròcair dha, agus thug e dha deagh-ghean ann an sùilean fear-gleidhidh a’ phrìosain.

Cha d’amhairc fear-gleidhidh a’ phrìosain air nì sam bith a bha fo a làimh, a chionn gu robh an Tighearna maille ris; agus an nì sin a rinn e thug an Tighearna air soirbheachadh leis.

Agus bha an Tighearna maille ris: anns gach àite don deachaidh e, shoirbhich e. Agus dh’èirich e an aghaidh rìgh Asiria, agus cha do rinn e seirbhis dha.

An sin soirbhichidh tu, ma bheir thu an aire gun coilean thu na reachdan agus na breitheanais a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh Israeil: bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad; na gabh eagal agus na bi fo uamhann.

Agus b’e Phinehas mac Eleàsair a bu cheann-riaghlaidh orra o shean am fianais an Tighearna.

Agus dhaingnicheadh Solamh mac Dhaibhidh na rìoghachd, agus bha an Tighearna a Dhia maille ris, agus dh’àrdaich e e gu mòr.

Agus dh’iarr e Dia ann an làithean Shechariah, a theagaisg e ann an eagal Dhè: agus fhad is a dh’iarr e an Tighearna, thug Dia air soirbheachadh.

An sin fhreagair mi iad, agus thubhairt mi riu, Dia nan nèamh, soirbhichidh esan leinn: a chionn gur sinne a sheirbhisich, èiridh sinn agus togaidh sinn: ach agaibhse chan eil cuibhreann, no còir, no cuimhneachan ann an Ierusalem.

Bidh e mar chraoibh suidhichte làimh ri sruthan uisge, a bheir a‑mach a toradh na h‑aimsir, agus nach caill a duilleach; agus soirbhichidh leis gach nì a nì e.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Anns na làithean sin tàrlaidh gun dèan deichnear greim, as uile chànainean nan cinneach, eadhon gun dèan iad greim air sgioball an tì a bhios na Iùdhach, ag ràdh, Thèid sinne leat, oir chuala sinn gu bheil Dia leibh.

Guma h‑ann mar sin a dhealraicheas ur solas an làthair dhaoine, a‑chum gum faic iad ur deagh obraichean, agus gun toir iad glòir dur n‑Athair a tha air nèamh.

Air ciad là gach seachdain, cuireadh gach aon agaibh nì air leth anns an ionmhas a‑chum nach bi tional ri dhèanamh nuair a thig mise.

Oir bheannaich an Tighearna do Dhia thu ann an uile obraichean do làimhe: is aithne dha do thriall tron fhàsach mhòr seo; rè an dà‑fhichead bliadhna seo bha an Tighearna do Dhia maille riut, cha robh uireasbhaidh nì sam bith ort.

Nach d’àithn mise dhut? Bi làidir agus ro‑mhisneachail; na bi fo eagal, agus na biodh faitcheas ort: oir tha an Tighearna do Dhia leat anns gach ionad don tèid thu.

Feuch, bheir mise orrasan de shionagog Shàtain (a tha ag ràdh gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach a tha a’ dèanamh brèige), feuch, bheir mise orra gun tig iad agus gun dèan iad adhradh aig do chasan, agus gum bi fhios aca gun do ghràdhaich mise thu.

Agus ghiùlain Daibhidh e fhèin gu glic na shlighean uile; agus bha an Tighearna maille ris.

Agus chunnaic Saul, agus bha fhios aige gu robh an Tighearna maille ri Daibhidh, agus gun do ghràdhaich Michal nighean Shauil e.

Agus dh’fhàs Samuel suas, agus bha an Tighearna maille ris, agus cha do leig e do aon air bith de a fhacail tuiteam a dh’ionnsaigh an làir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan