Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 39:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha an Tighearna maille ri Iòseph, agus bha e na dhuine leis an do shoirbhich gach nì; agus bha e ann an taigh a mhaighistir, an t‑Eiphiteach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Agus bha Dia leis an òganach; agus dh’fhàs e suas, agus ghabh e còmhnaidh anns an fhàsach, agus bha e na fhear-bogha.

Agus anns an àm sin fhèin labhair Abimelech, agus Phicol, àrd-cheannard a shluaigh, ri Abrahàm, ag ràdh, Tha Dia leat anns gach nì a tha thu a’ dèanamh.

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha anns an oidhche sin fhèin, agus thubhairt e, Is mise Dia Abrahàim d’athair; na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi do shliochd lìonmhor air sgàth mo sheirbhisich Abrahàm.

Agus thubhairt iadsan, Chunnaic sinn gu cinnteach gu robh an Tighearna leat; agus thubhairt sinn, Biodh a‑nis mionnan eadarainn, eadhon eadar sinne agus thusa, agus dèanamaid coicheangal riut;

Agus, feuch, tha mise maille riut, agus gleidhidh mi thu anns gach àite don tèid thu, agus bheir mi a‑rìs thu a dh’ionnsaigh na tìre seo; oir cha trèig mi thu, gus an dèan mi an nì sin a labhair mi riut.

Cha d’amhairc fear-gleidhidh a’ phrìosain air nì sam bith a bha fo a làimh, a chionn gu robh an Tighearna maille ris; agus an nì sin a rinn e thug an Tighearna air soirbheachadh leis.

Agus chunnaic a mhaighistir gu robh an Tighearna maille ris, agus gun tug an Tighearna air gach nì a rinn e soirbheachadh na làimh.

Agus bha an Tighearna maille ris: anns gach àite don deachaidh e, shoirbhich e. Agus dh’èirich e an aghaidh rìgh Asiria, agus cha do rinn e seirbhis dha.

Agus b’e Phinehas mac Eleàsair a bu cheann-riaghlaidh orra o shean am fianais an Tighearna.

Agus dhaingnicheadh Solamh mac Dhaibhidh na rìoghachd, agus bha an Tighearna a Dhia maille ris, agus dh’àrdaich e e gu mòr.

Bidh e mar chraoibh suidhichte làimh ri sruthan uisge, a bheir a‑mach a toradh na h‑aimsir, agus nach caill a duilleach; agus soirbhichidh leis gach nì a nì e.

Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah.

Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah.

Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.

Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.

Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.

Agus nì mise dhìot, an aghaidh an t‑sluaigh seo, balla làidir umha; nuair a chathaicheas iad ad aghaidh, cha toir iad buaidh ort: oir tha mise maille riut, a‑chum do dhìon, agus a‑chum do thèarnadh, deir an Tighearna.

Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar-theangachadh, Dia maille rinn.)

Agus thubhairt esan, Cionnas as urrainn mi, mura seòl neach-eigin mi? Agus dh’iarr e air Philip teachd a‑nìos, agus suidhe maille ris.

Measadh a mheud is a tha fon chuing, nan seirbhisich, gur airidh am maighistirean fhèin air an uile urram; a‑chum nach faigh ainm Dhè, agus a theagasg, toibheum.

Chan urrainn duine sam bith seasamh ad aghaidh uile làithean do bheatha. Mar a bha mi le Maois, mar sin bidh mi leatsa: cha dìobair mi thu, agus cha trèig mi thu.

Nach d’àithn mise dhut? Bi làidir agus ro‑mhisneachail; na bi fo eagal, agus na biodh faitcheas ort: oir tha an Tighearna do Dhia leat anns gach ionad don tèid thu.

Mar seo bha an Tighearna maille ri Iosua, agus sgaoileadh a iomradh-san air feadh na tìre uile.

An sin fhreagair aon de na h‑òglaich, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi mac le Iese am Betlehemeach, a chluicheas gu h‑ealanta, agus a tha treun ann an neart, agus na fhear-cogaidh, agus glic ann an gnothaichean, agus na dhuine maiseach; agus tha an Tighearna maille ris.

Agus ghiùlain Daibhidh e fhèin gu glic na shlighean uile; agus bha an Tighearna maille ris.

Agus chunnaic Saul, agus bha fhios aige gu robh an Tighearna maille ri Daibhidh, agus gun do ghràdhaich Michal nighean Shauil e.

Agus dh’fhàs Samuel suas, agus bha an Tighearna maille ris, agus cha do leig e do aon air bith de a fhacail tuiteam a dh’ionnsaigh an làir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan