Agus nuair a chuala e gun do thog mi suas mo ghuth, agus gun do ghlaodh mi, an sin dh’fhàg e a aodach-uachdair maille rium, agus theich e, agus chaidh e a‑mach.
Agus labhair i ris a rèir nam briathran seo, ag ràdh, Thàinig an seirbhiseach Eabhraidheach, a thug thu dar n‑ionnsaigh, a‑steach am ionnsaigh-sa gum mhaslachadh:
Gu cinnteach tha mo shluagh-sa amaideach, ormsa cha do ghabh iad eòlas; is clann aig nach eil tuigse iad, agus tha iad air dhìobhail cèille: tha iad seòlta a dhèanamh uilc, ach math a dhèanamh chan aithne dhaibh.
Oir bha sinne fhèin uaireigin eu‑cèillidh, eas-umhail, air seachran, a’ dèanamh seirbhis do iomadh gnè ana-miann agus an‑toilean, a’ caitheamh ar beatha ann am mìorun agus am farmad, fuath-thoillteannach, agus a’ toirt fuath da chèile.