Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 39:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin ghairm i air daoine a taighe, agus labhair i riu, ag ràdh, Faicibh, thug e a‑steach dar n‑ionnsaigh Eabhraidheach gar maslachadh: thàinig e a‑steach am ionnsaigh-sa a laighe leam, agus ghlaodh mise le guth àrd:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus do Shem fhèin mar an ceudna, athair chloinn Ebair uile, bràthair Iapheit a bu shine, rugadh clann.

Agus thàinig aon a chaidh as, agus dh’innis e do Abram an t‑Eabhraidheach, a bha a chòmhnaidh ann an còmhnard Mhamre an t‑Amorach, bràthair Escoil, agus bràthair Aneir: agus bha iad sin ann an co‑bhainn ri Abram.

Agus nuair a chunnaic ise gun d’fhàg e a aodach-uachdair na làimh, agus gun do theich e a‑mach,

Agus nuair a chuala e gun do thog mi suas mo ghuth, agus gun do ghlaodh mi, an sin dh’fhàg e a aodach-uachdair maille rium, agus theich e, agus chaidh e a‑mach.

Agus labhair i ris a rèir nam briathran seo, ag ràdh, Thàinig an seirbhiseach Eabhraidheach, a thug thu dar n‑ionnsaigh, a‑steach am ionnsaigh-sa gum mhaslachadh:

Agus an dèidh nan nithean sin leag bean a mhaighistir a sùilean air Iòseph agus thubhairt i, Laigh leamsa.

Oir, gu deimhinn, ghoideadh air falbh mi à tìr nan Eabhraidheach, agus, mar an ceudna, an seo cha do rinn mi nì sam bith gun cuireadh anns an t‑sloc mi.

Ciod a bheirear dhut, agus ciod a nìthear ort, a theanga chealgach?

Dh’èirich fianaisean eucorach; chuir iad as mo leth nithean air nach robh fhios agam.

Airson guth m’eascaraid, airson fòirneart an duine aingidh, oir tha iad a’ tilgeadh euceirt orm, agus ann am feirg tha iad a’ toirt fuatha dhomh.

Esan a cheileas fuath le bilean cealgach, agus esan a labhras mì‑chliù, is amadan e.

Eisdibh rium, sibhse a tha eòlach air fìreantachd, a shluagh aig a bheil mo lagh nur cridhe; na biodh eagal oirbh ro mhasladh dhaoine, agus na gabhaibh geilt ron càineadh.

Cha soirbhich inneal sam bith a dhealbhar ad aghaidh; agus gach teanga a dh’èireas riut am breitheanas, dìtidh tu. Is i seo oighreachd seirbhisich an Tighearna; agus tha am fìreantachd uamsa, deir an Tighearna.

Iadsan a tha dlùth, agus iadsan a tha fada uat, nì iad fanaid ortsa, a tha mì‑chliùteach, a tha ri mòran sàrachaidh.

Agus dh’iarr na h‑àrd-shagartan agus na seanairean, agus a’ chomhairle uile, fianais bhrèige an aghaidh Iosa, a‑chum a chur gu bàs.

Is beannaichte a bhios sibh nuair a bheir daoine ana-cainnt dhuibh, agus a nì iad geur-leanmhainn oirbh, agus a labhras iad gach uile dhroch fhacal ribh gu breugach, air mo sgàth-sa.

Agus thòisich iad air a chasaid, ag ràdh, Fhuair sinn am fear seo a’ claonadh a’ chinnich, agus a’ bacadh cìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd an rìgh.

Tre urram agus eas-urram, tre mhì-chliù agus dheagh-chliù: mar mhealltairean, gidheadh fìrinneach;

Oir ciod an t‑adhbhar molaidh a tha ann mas e nuair a ghabhar oirbh airson ur cionta, gun giùlan sibh gu foighidinneach e? Ach mas e nuair a tha sibh a’ dèanamh maith, agus a’ fulang air a shon, gun giùlain sibh e gu foighidinneach, tha seo taitneach do Dhia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan